GàidhligEnglish

David Brew Daibhidh Brew

David Brew

David Brew is a Gaelic learner. He is a Board Member of Creative Scotland and chairs its Audit Committee, a Governor of Robert Gordon University and an adjudicating panel member of the General Teaching Council for Scotland.

A senior civil servant until he retired from the Scottish Government, he was responsible from 2004 to 2006 for promoting the development of Gaelic, establishing Bòrd na Gàidhlig and sponsoring Gaelic-medium education. His subsequent responsibilities included community land ownership, crofting reform and fisheries management.

He is also a former Chief Executive of the Institute of Chartered Accountants of Scotland. He currently advises on accountancy and audit misconduct casework at the Financial Reporting Council as well as convening adjudicating panels for the General Teaching Council for Scotland.

Register of Interests

Is e neach-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha ann an Daibhidh Brew. Tha e na Bhall de Bhòrd Alba Chruthachail agus na chathraiche air Comataidh Sgrùdaidh na buidhne sin, na Neach-riaghlaidh air Oilthigh Raibeart Gòrdan agus na bhall rèiteachaidh air pannal de Chomhairle Teagaisg na h-Alba.

Bha e na àrd sheirbheiseach catharra gus an do leig e dheth a dhreuchd aig Riaghaltas na h-Alba, an urra ri bhith ag adhartachadh leasachadh na Gàidhlig eadar 2004 agus 2006, a’ stèidheachadh Bòrd na Gàidhlig agus a’ sponsaireadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. An dèidh sin bha e mar uallach air a bhith an sàs ann an cùisean ceannachd fearainn às leth na coimhearsnachd, ath-leasachadh croitearachd agus rianachd an iasgaich.

Bha e cuideachd na Cheannard air Institiut nan Cunntasairean Clàraichte an Alba. Tha e an ceartuair a’ comhairleachadh air cunntasachd agus cùisean co-cheangailte ri mì-ghiùlain phroifeiseanta aig Comhairle Aithris air Ionmhas (FRC) a thuilleadh air a bhith na neach-gairm air pannalan rèiteachaidh aig Comhairle Teagaisg Coitcheann na h-Alba (GTCS).

Clàr-ùidhe