Bòrd

Raon-ùghdarrais MG ALBA

Tha am Bòrd air a dhèanamh suas de Chathraiche agus suas ri 11 ball eile. Tha buill air an cur an dreuchd airson ùine-shuidheachaidh le Ofcom)le aonta bho Rùnaire na Stàite. Tha an t-Àrd-Oifigear air a chur an dreuchd leis a’ Bhòrd.

Dleastanas

Tha dleastanas MG ALBA ga chur an cèill ann an Achd a’ Chonaltraidh 2003, Achd Craolaidh 1990 agus Achd Craolaidh 1996.

Tha uallach air a’ bhòrd a bhith a’ cur air dòigh ro-innleachd aig ìre àrd agus a’ dealbh, ag ath-sgrùdadh agus a’ moladh phoileasaidhean agus chleachdaidhean gus am faigh iad amasan ro-innleachdail na buidhne a choileanadh.

A thuilleadh air beachdachadh air na h-amasan ro-innleachdail iomlan nì am Bòrd measadh air na prionnsabalan a tha a’ riaghladh raointean obrachaidh mar mhaoineachadh, pròiseactan, trèanadh, goireasan, seirbheisean bho muigh, feuman luchd-cleachdaidh agus dàimh luchd-earrainn.

Tha riaghailtean mu obair Bòrd agus Comataidhean MG ALBA gan cur an cèill sna Gnàth-riaghailtean.

Dleastanas a’ Chathraiche

Tha uallach shònraichte air a’ Cathraiche, le comhairle bhon Àrd Oifigear, airson stiùireadh a thoirt mu chùisean mar:

  • cur ri chèile ro-innleachd MG ALBA airson a dhleastanasan reachdail a choileanadh;
  • riochdachadh beachdan MG ALBA;
  • misneachadh ìrean àrda freagarrachd;
  • brosnachadh cleachdadh freagarrach agus èifeachdach de ghoireasan, stòrasan agus luchd-obrach na buidhne; agus
  • toirt measadh air coileanadh Bhall fa leth nam bithear a' beachdachadh air an cur an dreuchd a-rithist gu MG ALBA no an taghadh gu Bòrd buidheann phoblach eile.

Nì an Cathraiche cinnteach gun coinnich MG ALBA gu cunbhalach tron bhliadhna agus gum bi geàrr-chunntasan choinneamhan a' dèanamh clàradh pongail air co-dhùnaidhean.

Dleastanas nam Ball

Tha dleastanasan Bhall a' gabhail a-steach:

  • coileanadh an dleastanasan fo Achd Conaltraidh 2003 agus reachdas no Òrdughan leasachail sam bith a thèid a chur rithe;
  • stèidheachadh frèam poileasaidh agus stòrais airson obair MG ALBA agus stiùireadh ro-innleachdail iomlan na buidhne taobh a-staigh an fhrèam sin;
  • dèanamh cinnteach gu bheilear daonnan a' gleidheadh nan ìrean riaghlaidh corporra as àirde; agus
  • dèanamh cinnteach gum bi MG ALBA ag obrachadh taobh a-staigh crìochan ùghdarras reachdail agus gum bi luchd-obrach ag obrachadh taobh a-staigh crìochan ùghdarrais tiomnaichte.

Tha Cathraiche agus Buill MG ALBA fo smachd Còd Giùlain nam Ball.

Dleastanasan Chomataidhean

A rèir nan Gnàth-riaghailtean, feumaidh Comataidh Sgrùdaidh & Dearbhaidh agus Comataidh Tuarastail a bhith air an stèidheachadh, agus faodaidh comataidhean eile a bhith air an stèidheachadh mar a chì am Bòrd iomchaidh.

Aig an àm seo tha dà Chomataidh ann:

Comataidh Sgrùdaidh is Dearbhaidh (a tha cuideachd a’ coinneachadh mar Chomataidh Tuarastail)

Comataidh Inbhean