Buill a' Bhuird

Alasdair Moireasdan

Alasdair Moireasdan

Is ann à Uibhist a Tuath a tha Alasdair Moireasdan, a bha na Bhall Pàrlamaid Albannach airson nan Eileanan an Iar eadar 1999 agus 2007. Bha e na mhinistear sa chiad Riaghaltas Albannach, fo stiùir Dhòmhnall Dewar nach maireann. Mus robh e an sàs ann am poileataics bha e na neach-naidheachd air rèidio agus telebhisean airson a’ BhBC. Tha e a’ fuireach ann an Garrabost, Eilean Leòdhais, tha e pòsta ’s tha dithis chloinne aige. Tha e cuideachd na stiùiriche air a’ chompanaidh thogalaich is innleadaireachd, UBC Group Ltd, agus air Harris Tweed Hebrides LLP.

Còd Giùlain nam Ball