Buill a' Bhuird

Donald Mackay Dòmhnall MacAoidh

Rugadh Dòmhnall MacAoidh an Uibhist a Tuath agus thogadh e san Eilean Sgitheanach. Tha e na neach-cunntais clàraichte agus na stiùiriche aig AUPEC Ltd, companaidh neo-eisimeileach de luchd-comhairleachaidh eaconamach airson stuthan agus seirbheisean eaconamach a lìobhraigeadh gu companaidhean agus luchd-dèiligidh air feadh an t-saoghail. Tha mòran eòlais aige mar stiùiriche, manaidsear agus neach-rianachd agus tha e air mòran fhiosrachaidh aige mu eaconamas, ionmhas corporra agus stiùireadh san fharsaingeachd aig ìre eadar-nàiseanta. Bha Dòmhnall na phàirt de Bhuidheann-gnìomha Mhic a' Phearsain a bha a’ deanamh sgrùdaidh air na h-ullachaidhean agus an structair taic poblach do bhuidhnean Gàidhlig, agus bha e na bhall de Bhuidheann Comhairleachaidh an Riaghaltais air Gàidhlig.

Còd Giùlain nam Ball