Buill a' Bhuird
-Alasdair Moireasdan
-Shona NicIllInnein
-Donnchadh MacAonghais
-Dòmhnall Martainn
-Dòmhnall MacAonghais
-Rob Dunbar
-Gòrdan MacIllInnein
-Alasdair MacCaluim
-Rhoda Meek
COMATAIDHEAN
Comataidh Sgrùdaidh is Dearbhaidh
Comataidh Inbhean
![]() |
Dòmhnall Màrtainn ‘S ann dha na Hearadh a bhuineas Dòmhnall Màrtainn. B’àbhaist dha a bhith na Àrd Oifigear aig Comunn na Gàidhlig agus roimhe sin na Leas-stiùiriche air Roinn na Rianachd aig Comhairle nan Eilean airson còrr is fichead bliadhna. Thairis air na bliadhnaichean, tha e air a bhith a’ frithealadh iomadach buidheann nàiseanta, ionadail agus saor-thoileach ann an seaghan eadar-dhealaichte. Bha e na Urrasair den cholaiste Sabhal Mòr Òstaig agus bha e cuideachd na bhall de Chomataidh Craolaidh Gàidhlig. Bha e na Rùnaire den Chomataidh Breatannach aig EBLUL airson grunnan bhliadhnaichean. Fhad 's a bha e ag obair aig CnaG, bha e cuideachd na Rùnaire de Bhuidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba. Tha e air a bhith na bhall de Ùghdarras a' Chlò Hearaich bho 1997, chaidh fhastadh mar Iar Neach-cathrach ann an 2001 agus ghabh e an Cathair anns an Dàmhair 2007. Tha e na bhall air Bòrd Colaiste Caisteal Leodhais agus na Urrasair air Urras Coimhearsnachd Bòrd an Dealain. Tha e air a bhith na Chlàrc airson Morair-ionaid a' Chruin anns na h-Eileanan an Iar bho 1997 agus na Iar-Mhorair bho 2002. |