Buill a' Bhuird
-Alasdair Moireasdan
-Shona NicIllInnein
-Donnchadh MacAonghais
-Dòmhnall Martainn
-Dòmhnall MacAonghais
-Coinneach MacFhionghuin
-Rob Dunbar
-Ùisdean Dan MacIllInnein
-Dòmhnall MacAoidh
-Gòrdan MacIllInnein
-Alasdair MacCaluim
-Rhoda Meek
COMATAIDHEAN
Comataidh Sgrùdaidh is Dearbhaidh
Comataidh Inbhean
![]() |
Gordon MacIllinnein Air a thrèanadh mar innleadair, tha dreuchdan aig àrd ìre air a bhith aig Gòrdon sna raointean poblach agus prìobhaideach. Bha e roimhe na stiùiriche cumadaireachd airson John Brown Engineering, Bruach Chluaidh, agus as dèidh sin na àrd oifigear aig Business Ventures, buidheann phoblach a thug cuideachadh gu luchd-tionnsgain ann a bhith a’ stèidheachadh agus a’ leasachadh chompanaidhean a dh’fhàsadh gu luath. Mus tàinig e gu SPT bha e na stiùiriche leasachadh ghnìomhachais aig Iomairt na h-Alba, a’ làimhseachadh ghnothaichean gnìomhachais airson chompanaidhean stèidhichte ann an Glaschu. Bha leasachadh companaidhean nam meadhanan, cuid aca a bha a’ dèanamh phrògraman Gàidhlig airson craoladh, mar phàirt de a dhleastanas san dreuchd seo, agus tha Gordon ag iarraidh gun tèid aig na companaidhean seo modal gnìomhachais seasmhach a chur air bhonn. Is ann sna taighean dubha an Geàrrannan a rugadh pàrantan Ghordoin, agus bidh e a’ tilleadh gu Dail Mòr, Eilean Leòdhais, cho tric ’s as urrainn dha. |