Buill a' Bhuird

Hugh Dan Maclennan

Ùisdean MacIllInnein

Thogadh Ùisdean MacIllInnein ann an teaghlach Gàidhlig an Loch Abair far an deach e dhan àrd-sgoil. An dèidh ceumnachadh à Oilthigh Ghlaschu chaidh e a theagasg Gàidhlig an Inbhir Nis mas deach e an uairsin a dh’obair chun BhBC aig Radio nan Gàidheal. Chuir e seachad ùine ghoirid aig a’ Phress and Journal mas deach e a-mach air a’ cheann fhèin ag obair ann an diofar raointean de na meadhanan agus an saoghal na Gàidhlig. Tha e air grunn dhuaisean a bhuannachd mar sgrìobhaiche ann an saoghal naidheachdan is spòrs, agus tha e fìor eòlach air saoghal na camanachd, le grunn leabhraichean is eile air am foillseachadh. Sgrìobh e cuideachd eachraidh Reis Bheinn Nibheis. Tha e air a bhith, aig diofar amannan, na Rùnaire air Comunn Gàidhlig Inbhir Nis agus Urras Brosnachaidh na Gàidhlig agus na Stiùiriche agus Iar-Cheann Suidhe air Comann na Camanachd. Tha e na bhall de dh’Urras Shomhairle. Thug e a-mach ceum PhD an Oilthigh Obar Dheathain an 1998 agus bho 2001 gu 2008 bha e ag obair aig Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, mu dheireadh ’na Stiùiriche Conaltraidh. Tha air a bhith na bhall de Bhòrd MG ALBA bho Ghiblean 2008 agus tha e na Chathraiche air Comataidh Inbhean.

Còd Giùlain nam Ball