Buill a' Bhuird
-Alasdair Moireasdan
-Shona NicIllInnein
-Donnchadh MacAonghais
-Dòmhnall Martainn
-Dòmhnall MacAonghais
-Coinneach MacFhionghuin
-Rob Dunbar
-Ùisdean Dan MacIllInnein
-Dòmhnall MacAoidh
-Gòrdan MacIllInnein
-Alasdair MacCaluim
-Rhoda Meek
COMATAIDHEAN
Comataidh Sgrùdaidh is Dearbhaidh
Comataidh Inbhean
![]() |
Coinneach MacFhionghuin Tha an t-Oll Coinneach MacFhionghuin air rannsachadh susbainteach a dhèanamh air coimhearsnachdan Gàidhlig sna h-Eileanan an Iar, san Eilean Sgitheanach agus ann an Ceap Bhreatainn, agus gu nàiseanta airson pròiseact Euromosaic na Roinn Eòrpa. Tha e air mòran obrach fhoillseachadh air rannsachadh agus planadh cànain. Bha e na neach-comhairleachaidh airson Plana Gàidhlig nan Eileanan an Iar, Rannsachadh Craolaidh a’ BhBC agus STV. Tha dreuchdan aige mar ollamh aig oilthighean Obar Dheathainn agus Hertfordshire (ann an Ceiltis, planadh cànain agus sòiseo-chànanas), agus tha e air a bhith na òraidiche ceangailte ris an Oilthigh Fhosgailte fad grunn bhliadhnaichean, a’ teagasg saidheans sòisealta, foghlam agus eòlas chànanan. Tha e air obair fharsaing a dhèanamh a’ measadh inbhean ann an foghlam aig àrd ìre, ann an Ceiltis, cànanachas agus eòlas cultarach agus nam meadhanan. Bha e na bhall de Bhuidheann Comhairleachaidh an Riaghaltais air Gàidhlig, agus na neach-pàirteachaidh do dh’Aithisg Mheek. |