Buill a' Bhuird

Rob Dunbar

Raibeart Dunbar

Tha Raibeart Dunbar na Leughadair ann an Lagh agus Ceiltis aig Colaisde an Rìgh, Obar Dheathain. Tha e cuideachd na bhall de Bhòrd na Gàidhlig, agus bha e roimhe na Stiùiriche air Comunn na Gàidhlig agus na Chathraiche air a’ bhuidheann-obrach airson inbhe laghail don Ghàidhlig. Mar sin, chuidich e a’ dreachdadh molaidhean ChNAG airson Achd Ghàidhlig. Tha e na neach-lagha eadar-nàiseanta a tha ag obair sa mhòrchuid ann an dìon mhion-shluagh, agus tha an t-eòlas aige air lagh, poileasaidh is planadh mhion-shluagh aithnichte aig ìre eadar-nàiseanta. Tha Rob na Eòlaiche de Chomhairle na h-Eòrpa, agus bidh e ag obair gu tric còmhla ri Rùnachas Clàr nam Mion-chànanan Eòrpach. Tha e na Àrd-phàirtiche Rannsachaidh Neo-chòmhnaidheach den Ionad Eòrpach airson Mion-chùisean (ECMI), ann am Flensburg sa Ghearmailt, agus na eòlaiche air Pròiseact Neach Ombuds Mion-chùisean ECMI. Tha e na bhall de Bhòrd Comhairleachaidh Aonad Rannsachaidh Còraichean Daonna agus Ceartas Sòisealta, Oilthigh Prìomh-bhaile Lunnainn. Tha e air comhairle a thoirt do riaghaltasan, buidhnean còraichean daonna, agus buidhnean neo-riaghaltais ann an grunn dhùthchannan air cùisean cànain agus còraichean daonna. ’S ann à Canada a tha Rob, a choisinn LL.B. bho Sgoil Lagha Osgoode Hall, Oilthigh York an Canada, agus LL.M aig Sgoil Eaconamachd Lunnainn. Thug e grunn bhliadhnachan ag obair ann an Toronto aig Fasken Martineau, aon de na prìomh bhuidhnean lagha ann an Canada.

Còd Giùlain nam Ball