Buill a' Bhuird

Shona Maclennan

Seona NicIllInnein

Tha Shona NicIllinnein ag obair air a ceann fhèin mar chomhairleach leasachadh dùthchail agus tha i a' fuireach faisg air an Dòrnaidh ann an Loch Aillse. Tha i na ball de Bhòrd-stiùiridh Telebhisean Ghrampian Earranta agus Puirt-adhair na Gaidhealtachd is nan Eilean Earranta, tha i air Comataidh Leasachaidh Shabhal Mòr Ostaig agus bha i roimhe air Bòrd-stiùiridh Oilthigh na Gaidhealtachd. Thòisich i ag ionnsachadh na Gàidhlig sa bhunsgoil, cha d' fhuair i cothrom a chumail a' dol san àrdsgoil ach chaidh i air adhart gu cùrsa Laidinn agus Ceiltis an Oilthigh Dhùn Èideann. Nuair a dh'fhàg i an Oilthigh, ghluais i don Eilean Sgitheanach far an robh i ag obair aig diofar bhuidhnean, mòran dhiubh co-cheangailte ri leasachadh Gàidhlig.

Còd Giùlain nam Ball