Comataidh Ro-innleachd agus Poileasaidh

Stèidheachadh agus Ballrachd

  • Coinneachadh co-dhiù dà uair gach bhliadhna
  • Ballrachd: Cathraiche, Àrd Oifigear, buill eile de MG ALBA nach eil nam buill de chomataidh MG ALBA sam bith eile. Gabhaidh am ballrachd a-steach cuid de na buill riochdachail.
  • 'S e ball den luchd-obrach a bhios na rùnaire air a' Chomataidh.
Ùghdarras

Tha a' Chomataidh ùghdarraichte le MG ALBA a bhith a' cur air dòigh ro-innleachd aig ìre àrd agus a' dealbh, ag ath-sgrùdadh agus a' moladh poileasaidhean agus cleachdaidhean gus am faigh iad air na h-amasan ro-innleachdail a choileanadh.

A thuilleadh air beachdachadh air na h-amasan ro-innleachdail iomlan nì a' Chomataidh cuideachd measadh air na prionnsabalan a tha a' riaghladh raointean obrachaidh mar maoineachadh, pròiseactan, trèanadh, goireasan, seirbheisean bho muigh, feuman luchd-cleachdaidh agus dàimh luchd-earrainn.

Dleastanasan

Tha raon-ùghdarrais Comataidh Ro-innleachd agus Poileasaidh a' gabhail a-staigh:
  • Suidheachadh agus prìomhachadh ro-innleachdan a bheir cothrom don MG ALBA amasan geàrr-ùine agus fad-ùine na buidhne a choileanadh
  • Dèanamh cinnteach gu bheil poileasaidhean freagarrach air an ullachadh agus gum bi siostaman gnìomhach air an stèidheachadh airson an cur an gnìomh
  • Dèanamh cinnteach gu bheil cuairt-phlanaidh freagarrach air a stèidheachadh gus an soirbhich iomairtean ro-innleachdail
  • Cumail sùil air èifeachdas modhan-obrach ro-innleachdail.
Aithisgean

Bidh an luchd-obrach a' cuairteachadh geàrr-chunntasan na Comataidh gu gach ball de MG ALBA.

Buill
Alasdair Moireasdan (Cathraiche)
Dòmhnall Iain MacAonghais
Rob Dunbar
Dòmhnall Màrtainn