Clasaichean Fiosrachaidh
Tha sgeama foillseachaidh MG ALBA a’ toirt cothrom air na clasaichean fiosrachaidh a leanas.
1. Cò sinn agus dè tha sinn a’ dèanamh
Tha an clas seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh, àiteachan agus ainmean is seòlaidhean, agus riaghladh bun-reachdail agus laghail na buidhne aig an àm.
1.1 Dreuchdan agus uallaichean
• Raon-dleastanais reachdail MG ALBA
• Buill agus Cathraiche a’ Bhùird
• Prìomh luchd-obrach
1.2 Structair obrachaidh
• Structair agus uallaichean a’ Bhùird agus nan comataidhean
1.3 Reachdas a bhuineas do ghnìomhan MG ALBA
1.4 Fiosrachadh mun chom-pàirteachas eadar MG ALBA agus am BBC airson BBC ALBA, an t-seirbheis dhidsiteach Ghàidhlig, a ruith.
1.5 Togalaichean, agus seòlaidhean airson, MG ALBA
2 Suimean agus modhan cosgais
Tha an clas seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh ionmhasail co-cheangailte ri fìor theachd-a-steach agus cosgais agus ro-mheasadh orra, tairgsean, solar agus cùmhnantan.
2.1 Aithrisean ionmhasail, buidseatan
2.2 Prògram calpa
2.3 Sgrùdaidhean air cosg
2.4 Aithisgean sgrùdadh ionmhasail
2.5 Cuibhreannan agus cosgaisean luchd-obrach agus buill a’ bhùird
2.6 Structairean pàighidh agus ìrean
2.7 Modhan solair
2.8 Liostaichean de chùmhnantan a thugadh agus an luach
2.9 Riaghailtean ionmhasail taobh a-staigh na buidhne
3. Ar prìomhachasan agus mar a tha sinn a’ coileanadh
Tha an clas seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu ro-innleachd agus fiosrachadh, planaichean, measaidhean, sgrùdaidhean agus ath-sgrùdaidhean air coileanadh.
3.1 Aithisg bhliadhnail
3.2 Aithisgean coileanaidh chun na Pàrlamaid
3.3 Aithisgean sgrùdaidh
3.4 Measaidhean air buaidh
3.5 Ìrean seirbheis
3.6 Staitistig air ullachadh an co-rèir ri riatanasan eagrachaidh
3.7 Aontaidhean seirbheis phoblach
4. Ar modh co-dhùnaidh
Tha an clas seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh co-cheangailte ri molaidhean agus co-dhùnaidhean poileasaidh, modhan co-dhùnaidh, slatan-tomhais agus modhan taobh a-staigh na buidhne, co-chomhairlean.
4.1 Geàrr-chunntasan choinneamhan nam prìomh luchd-obrach
4.2 Aithisgean agus pàipearan airson beachdachadh orra aig coinneamhan nam prìomh luchd-obrach
4.3 Stiùireadh conaltraidh taobh a-staigh na buidhne, slatan-tomhais air an cleachdadh airson co-dhùnaidhean, òrdughan taobh a-staigh na buidhne, leabhraichean-làimhe agus treòrachadh m.e. modh tagraidh, tabhartasan trèanaidh, msaa.
5. Ar poileasaidhean agus modhan
Tha an clas seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu phrotocal sgrìobhte làthaireach airson ar gnìomhan agus uallaichean a lìbrigeadh.
5.1 Poileasaidhean agus modhan airson gnothachas na buidhne a dhèanamh
5.2 Poileasaidhean agus modhan airson ar seirbheisean a lìbhrigeadh
5.3 Poileasaidhean agus modhan airson fastadh luchd-obrach
5.4 Seirbheis luchd-cleachdaidh
5.5 Rianachd clàraidh agus poileasaidhean dàta pearsanta
5.6 Rèimean agus poileasaidhean chìsean
6. Liostaichean agus clàir
Tha an clas seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh air a chumail ann an clàir a dh’fheumar fon lagh agus liostaichean agus clàir eile co-cheangailte ri gnìomhan an ùghdarrais.
6.1 Clàir poblach agus clàir air an cumail mar chlàir poblach
6.2 Clàir so-mhaoine agus clàr maoin fiosrachaidh
6.3 Faidhlichean sgaoileadh fiosrachaidh
6.4 Clàr thiodhlacan agus aoigheachd a fhuair prìomh luchd-obrach
6.5 Clàr chom-pàirtean sam bith air a chumail san roinn
6.6 Liostaichean eile a dh’fheumar fon lagh
7. Na seirbheisean a tha sinn a’ tabhann
Tha an clas seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh co-cheangailte ri comhairle agus stiùireadh, leabhrain agus bileagan, gnothaichean agus fiosan naidheachd agus mìneachadh air na seirbheisean a thathar a’ tabhann.
7.1 Fiosrachadh mu na seirbheisean a tha an roinn a’ toirt seachad a’ gabhail a-steach bileagan, stiùireadh agus litrichean-naidheachd.
7.2 Seirbheisean airson gnìomhachais
7.3 Seirbheisean airson buidhnean eile
7.4 Seirbheisean airson buill den phoball
7.5 Seirbheisean airson am faod am buidheann pàigheadh fhaighinn, còmhla ri na cìsean sin
7.6 Bileagan, leabhrain agus litrichean-naidheachd
7.7 Comhairle agus stiùireadh
7.8 Fiosan naidheachd
A chumantas cha bhi am fiosrachadh air fhoillseachadh fon sgeama seo a’ gabhail a-steach:
- fiosrachadh nach fhaodar a sgaoileadh fon lagh, no neo-bhuailteach fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh 2000, no air dhòigh eile air a mheas airidh air dìon bho bhith air a sgaoileadh;
- fiosrachadh ann an dreachd; no
- fiosrachadh nach eil furasta fhaighinn a-nis mar toradh air a bhith ann am faidhlichean a tha air an gleidheadh ann an tasglann, no doirbh faighinn thuige airson adhbharan co-ionann.