Sgeamaichean Foillseachaidh

Tha dleastanas laghail aig MG ALBA fon Achd, mar a tha aig a h-uile ùghdarras poblach eile san Rìoghachd Aonaichte, sgeama foillseachaidh a ghabhail agus a chumail suas.

Tha an Achd ag ràdh gum bu chòir don sgeama foillseachaidh sònrachadh:

  • na clasaichean fiosrachaidh a tha ùghdarras poblach a’ foillseachadh no an dùil fhoillseachadh;
  • ciamar a bhios am fiosrachadh air fhoillseachadh; agus
  • am feumar pàigheadh airson an fhiosrachaidh.

’S e amas an sgeama seo stiùireadh coileanta a thoirt air an fhiosrachadh a tha MG ALBA a’ toirt seachad agus, ma ghabhas e dèanamh, dòigh fhurasta a thoirt air faighinn chun an fhiosrachaidh seo.

Tha an sgeama seo air fhoillseachadh ann an Gàidhlig agus Beurla, agus tha tionndaidhean ann an clò-sgrìobhadh mòr rim faotainn anns gach cànan cuideachd. Bidh an sgeama seo ri faotainn air làrach-lìn MG ALBA agus cuideachd tro lethbhreac sgrìobhte do dhaoine nach eil air an eadar-lìon. Airson lethbhreac sgrìobhte fhaighinn den sgeama seo cuiribh fios gu MG ALBA (faic 5 – Fios Thugainn)

Cìsean a dh’fhaodar iarraidh airson fiosrachaidh air fhoillseachadh fon sgeama seo


Gheibhear stuth a tha air fhoillseachadh agus air a choimhead air làrach-lìn an-asgaidh (i.e. chan eil sinne ag iarraidh pàigheadh air a shon, ach dh’fheumadh an neach-cleachdaidh coinneachadh ri cìsean sam bith air an leigeil leis an Solaraiche Seirbheis Eadar-lìn agaibh agus cosgaisean clò-bhualaidh pearsanta sam bith).
Airson daoine gun chothrom eadar-lìn, no far nach eil fiosrachadh air fhoillseachadh air an làrach-lìn againn, sa chumantas gheibhear aon lethbhreac clò-bhuailte an-asgaidh. Ann an cuid de shuidheachaidhean, tha am fiosrachadh a tha sinn a’ toirt don phoball ann an sgrìobhainnean a tha a’ gabhail a-steach stuth (m.e. ioma-lethbhreac agus far a bheil fiosrachadh air a thoirt seachad ann an cruth neo-phàipeir agus neo-eileagtronaigeach) ’s dòcha gum feumar pàigheadh airson fiosrachaidh ma tha rèim chìsean air òrdachadh fon achd.

’S dòcha gum bi cìsean air an leigeil airson fìor cosgaisean mar:

  • lethbhreacadh;
  • lorg sgrìobhainnean san tasglann;
  • postadh agus pacadh;
  • toirt seachad fiosrachaidh ann an cruth neo-phàipeir no neo-eileagtronaigeach; agus
  • cosgaisean dìreach mar thoradh air coimhead fiosrachaidh.

Ma bhios cìs ri phàigheadh, thèid an suim ri phàigheadh innse mus bi am fiosrachadh air a thoirt seachad. ’S dòcha gum feumar a phàigheadh mus tèid am fiosrachadh a chaidh iarraidh a thoirt seachad.

An dòigh sam bi fiosrachadh air fhoillseachadh fon sgeama seo air a thoirt seachad
Far am bi e comasach dhuinn, feuchaidh sinn daonnan ri fiosrachadh fhoillseachadh air an làrach-lìn againn. Far nach eil fiosrachadh ri fhaotainn air an làrach-lìn againn no mur eil sibh airson fiosrachadh fhaighinn air an dòigh sin bu chòir dhuibh ur n-iarrtas a chur gu MG ALBA agus faodaidh sinn am fiosrachadh a thoirt dhuibh ann am post-d, lethbhreac sgrìobhte no cruth air choreigin eile. Thèid cumail ri dleastanasan fo reachdas ciorraim and lethbhreith agus reachdas sam bith eile airson fiosrachadh ann an dreachan agus cruthan eile nuair a tha fiosrachadh air a thoirt seachad an co-rèir ris an sgeama seo.
Dlighe-sgrìobhaidh

Buinidh an dlighe-sgrìobhaidh san sgeama seo agus gach fiosrachadh a bheirear seachad fo na cumhaichean aige do MG ALBA mur eil a’ chaochladh air a chomharrachadh. Faodar am fiosrachadh sin a luchdachadh a-nuas, ma tha e air an làrach-lìn, no a lethbhreacadh airson cleachdadh pearsanta gun chead fhoirmeil, ach cha bu chòir ath-bhreacadh, lethbhreacadh no ath-fhoillseachadh a dhèanamh airson reic no malairt eile, no atharrachadh no a sgaoileadh air dhòigh sam bith.

Ath-sgrùdadh agus Beachdan Air Ais

Bidh MG ALBA a’ dèanamh ath-sgrùdadh air an sgeama seo gu cunbhalach agus a’ cumail sùil air dè cho èifeachdach ’s a tha e ag obrachadh.

Tha MG ALBA airson gum bi an sgeama seo a’ coinneachadh ri feuman an luchd-cleachdaidh agus a’ cur fàilte air ur beachdan. Cuiribh ur beachdan gu:

Alison Lang, Oifigear Corporra
MG ALBA
Rathad Shìophoirt
Steòrnabhagh HS1 2SD
alison.lang@mgalba.com

Tha uallach air Alison Lang airson an sgeama seo a chumail suas gu làitheil.

Modh-gearain

Mur eil sibh riaraichte leis a’ chuideachadh a gheibh sibh airson fiosrachadh fhaighinn taobh a-staigh sgeama foillseachaidh MG ALBA, bu chòir dhuibh fios a chur gu:

Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigear
MG ALBA
Rathad Shìophoirt
Steòrnabhagh HS1 2SD
domhnall.caimbeul@mgalba.com

Ma tha sibh fhathast do-riaraichte, faodaidh sibh sgrùdadh neo-eisimeileach iarraidh bhon Choimiseanair Fiosrachaidh. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho:

Oifis a’ Choimiseanair Fiosrachaidh
Wycliffe House
Water Lane
Wilmslow
Cheshire
SK9 5AF
Fòn: 01625 545 740
Facs: 01625 524 510
Post-d: mail@ico.gsi.gov.uk
Eadar-lìon: www.informationcommissioner.gov.uk