An Achd

Achd Saorsa an Fhiosrachaidh 2000 (An Achd)

Tha Achd Saorsa an Fhiosrachaidh 2000, a bha air a cur an gnìomh san Fhaoilleach 2005, a’ toirt còir cothruim coitcheann don phoball air a h-uile seòrsa fiosrachaidh a tha clàraichte aig ùghdarrasan poblach. Tha am briathar “ùghdarras poblach” air a mhìneachadh san Achd agus tha e a’ gabhail a-steach a h-uile buidheann poblach agus roinn riaghaltais san Rìoghachd Aonaichte.

Mar a bhuineas an Achd do MG ALBA

Gu sònraichte, chan eil MG ALBA air a ghabhail a-staigh san Achd airson a h-uile raon de obair. Tha an Achd ag ràdh airson MG ALBA, agus craoladairean eile, nach buin ullachaidhean na h-Achd dhaibh ach a-mhàin “a thaobh fiosrachaidh a tha air a chumail airson adhbharan a bharrachd air naidheachdas, na h-ealain agus litreachas”. Tha seo a’ ciallachadh nach buin an Achd do stuth a tha air a chumail airson prògraman no stuth a chruthachadh a tha a’ toirt taic do na gnìomhan cruthachail sin agus dlùth cheangailte riutha.

Iarrtasan airson fiosrachaidh fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh 2000

Gus ur còir cothruim fon Achd a chleachdadh, bu chòir dhuibh:

  • ur n-iarrtas a chur ann an sgrìobhadh (post-d, litir no facs);
  • ur n-iarrtas a chur gu: MG ALBA, Rathad Shìophoirt, Steòrnabhagh HS1 2SD. Post-d: foi@mgalba.com. Facs: 01851 706432;
  • ur n-ainm agus seòladh a thoirt seachad gus am faigh sinn air ur n-iarrtas a fhreagairt;
  • mìneachadh cho mionaideach ’s a ghabhas a thoirt air an fhiosrachadh a tha a dhìth oirbh gus am faigh sinn air aithneachadh agus a lorg; agus
  • innse dè an dòigh as fheàrr leibh am fiosrachadh fhaighinn (m.e. lethbhreac air pàipear, post-d, diosg).

Freagraidh MG ALBA iarrtasan airson fiosrachaidh taobh a-staigh 20 làithean-obrach bhon cheann-là a gheibhear e.

BBC ALBA

Bu chòir iarrtasan sam bith airson fiosrachaidh mun cho-obrachadh eadar MG ALBA agus am BBC co-cheangailte ri obrachadh agus stiùireadh BBC ALBA, an t-seirbhis telebhisean agus eadar-lìon Gàidhlig a gheibhear an-asgaidh, a chur dhan BBC ann an Alba, air a bheil uallach, còmhla ri MG ALBA, aontachadh dè cho freagarrach ’s tha susbaint agus tionndadh deireannach freagairt sam bith. Chithear sgeama foillseachaidh saorsa fiosrachaidh a’ BhBC aig www.bbc.co.uk/foi.

Iarrtasan mu BBC ALBA

Gus ur còir cothruim fon Achd a chleachdadh, bu chòir dhuibh:

  • ur n-iarrtas a chur ann an sgrìobhadh (post-d, litir no facs);
  • ur n-iarrtas a chur gu: BBC, Pacific Quay, Glaschu G51 1DA. Post-d: foi@bbc.co.uk. Facs: 020 8008 2398;
  • ur n-ainm agus seòladh a thoirt seachad gus am faigh am BBC air ur n-iarrtas a fhreagairt;
  • mìneachadh cho mionaideach ’s a ghabhas a thoirt air an fhiosrachadh a tha a dhìth oirbh gus am faigh am BBC air aithneachadh agus a lorg; agus
  • innse dè an dòigh as fheàrr leibh am fiosrachadh fhaighinn (m.e. lethbhreac air pàipear, post-d, diosg).

Neo-bhuailteachd

’S e ar poileasaidh a bhith cho fosgailte ’s a ghabhas. Ach, fon Achd, tha còir aig a h-uile ùghdarras poblach cuid de sheòrsachan fiosrachaidh a chumail air ais. Gheibhear an liosta de fhiosrachadh neo-bhuailteach agus stiùireadh umpa air làrach-lìn Coimiseanair an Fhiosrachaidh aig an duilleag seo.
Dh’fhaodadh gum buin an saoradh sin còmhla ri dùnadh a-mach sònraichte co-cheangailte ri fiosrachadh a tha air a chumail airson “naidheachdas, ealan agus litreachas”.

Ann an cuid de shuidheachaidhean, bidh fiosrachadh a tha sinn a’ tairgse don phoball ann an sgrìobhainnean a tha a’ gabhail a-steach stuth nach eil ann an raon na h-Achd. (Mar eisimpleir, tha fiosrachadh sa Chunntas Bliadhnail againn mun dòigh a tha MG ALBA air a ruith agus fiosrachadh air a chumail airson “naidheachdas, ealan agus litreachas”). Mas urrainn dhuinn, bidh sinn a’ feuchainn ri cothrom a thoirt air sgrìobhainnean sònraichte den t-seòrsa seo, ged a bhiodh stuth annta nach eil ann an raon na h-Achd.
Far nach urrainn dhuinn fiosrachadh a sgaoileadh mar thoradh air saoradh fon Achd, cuiridh sinn a-mach nas urrainn dhuinn de fhiosrachadh bho sgrìobhainn sònraichte, a’ comharrachadh far an robh fiosrachadh air a chumail air ais agus an t-seòrsa saoraidh a bhuineas dha.