MG ALBA – Mur Deidhinn
’S e MG ALBA ainm obrachaidh Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a chaidh a stèidheachadh fo Achd Conaltraidh 2003 agus a bha an toiseach air a ghabhail a-steach fo Achd Craolaidh 1990 mar Comataidh Telebhisean Gàidhlig.
’S e a dhleastanas dèanamh cinnteach gum bi sreath fharsaing agus mheasgaichte de dheagh phrògraman ann an Gàidhlig air an craoladh no air an sgaoileadh air dhòigh eile gus am bi iad iar am faighinn le Daoine an Alba.
Tha com-pàirteachas meadhanan didseatach MG ALBA agus am BBC a’ toirt seirbheis telebhisein, rèidio agus eadar-lìon aonaichte ann an Gàidhlig. Tha an sianal telebhisein BBC ALBA agus an stèisean rèidio BBC Radio nan Gaidheal a’ faighinn cead craolaidh bho Urras a’ BhBC. Tha an com-pàirteachas air a riaghladh le Bòrd ALBA, air a bheil riochdairean bho MG ALBA agus BBC Alba.