Raon-ùghdarrais MG ALBA
Chaidh MG ALBA (ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a stèidheachadh fo ullachadh Achd Conaltraidh 2003, Earrannan 208-210, gus dèanamh cinnteach gum bi sreath fharsaing agus measgaichte de dheagh phrògraman Gàidhlig air an lìbhrigeadh tro chraoladh no eile gu sluagh na h-Alba.
Tha ùghdarras air a thoirt do MG ALBA airson prògraman a dhèanamh agus ceadan craolaidh a chumail a bharrachd air an fheadhainn shònraichte air an liostadh ann an Earrann 208 (4B) de Achd Conaltraidh 2003. Tha i air cumhachdan agus dleastanasan maoineachaidh a ghabhail a-staigh a thaobh maoineachadh phrògraman Gàidhlig, trèanadh, rannsachadh agus obair cho-cheangailte fo Earrannan 183 agus 184 de Achd Craolaidh 1990, Earrannan 32 agus 95 de Achd Craolaidh 1996 agus Pàipearan-taic co-cheangailte riutha.
Chaidh uallach airson maoineachadh MG ALBA a thoirt gu Ministearan Albannach fon òrdugh seo: The Scotland Act 1998 (Transfer of Functions to the Scottish Ministers etc.) Order 1999 (SI 1999 No. 1750).
Bruth an seo airson na h-earrannan às an Achd Chonaltraidh 2003 a tha a’ buntainn ri MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) fhaicinn.
Airson tuileadh fiosrachadh faic:
Broadcasting Act 1990
Broadcasting Act 1996
Communications Act 2003
The Scotland Act 1998 (Transfer of Functions to the Scottish Ministers etc.) Order 1999
Chan eil duilleagan taobh a-muigh www.mgalba.com an urra ri MG ALBA.