Co-bhanntachd
MG ALBA agus am BBC: A’ Cho-bhanntachd
Tha MG ALBA agus am BBC air cobhanntachd a stèidheachadh airson seirbheisean didseatach Gàidhlig a libhrigeadh air telebhisean, rèidio agus airloidhne. Thàinig a’ chobhanntachd gu bith gu oifigeil air 5mh Lùnastal 2008 nuair a dh’fhoillsich Urras a’ BhBC an cead craolaidh.
Bidh an t-seirbheis telebhisein BBC ALBA ri fhaighinn:
- air saideil, air SKY agus Freesat, air feadh na Rìoghachd Aonaichte bho 19mh Sultain 2008
- air cabal , air Virgin Media – deit ri dhaingneachadh
- air Freeview, ann an Alba amhàin,
a-rèir measadh le Urras a’ BhBC, as dèidh tionndadh gu didseatach ann an 2010/11
Bidh prògraman is stuthan a bharrachd cuideachd rim faotainn air loidhne. Chìthear structar riaghlaidh na cobhanntachd san dealbh seo:
Sgioba ALBA
Is iad stiùirichean Sgioba ALBA:
- Mairead Màiri Mhoireach (BBC) – Ceann Seirbheis BBC ALBA
- Alan Esslemont (MG ALBA) – Ceann Phrògraman BBC ALBA
Tha uallaichean eadardhealaichte aig BBC agus MG ALBA sa chobhanntachd. Tha luchdobrach MG ALBA a’ freagairt dhan Cheann Phrògraman, a tha a’ freagairt gu ÀrdOifigear MG ALBA. Tha luchdobrach a’ BhBC a’ freagairt dhan Cheann Seirbheis, a tha a’ freagairt ri Bòrdstiùiridh a’ BhBC ann an Alba.
Tha Ceann Seirbheis agus Ceann Phrògraman ag obair gu dlùth ri chèile airson lèirsinn na cobhanntachd a chur an cèill. Tha iad a’ freagairt gu Bòrd ALBA, a tha ag aontachadh phoileasaidhean agus roiinnleachdan fo stiùir cathraiche air a chur an dreuchd le MG ALBA. Chithear structar gnìomha na cobhanntachd san dealbh seo:
Bòrd ALBA
Tha dithis àrdstiùirichean bho gach buidhinn sa chobhanntachd nam buill air Bòrd ALBA, am bòrd a tha a’ ruith BBC ALBA. Is iad buill Bòrd ALBA:
- Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigear MG ALBA (Cathraiche)
- Niall Greumach, Ceann Ghoireasan MG ALBA
- Bruce Malcolm, Àrd Oifigear Obrachaidh BBC Alba
- Magaidh Choineagan / Donalda NicFhionnguin, Ceannardan Phrògraman BBC Alba
MG ALBA
Tha MG ALBA ga riaghladh le Ofcom agus tha buill bòrd MG ALBA gan cur an dreuchd le Rùnaire na Stàite.
Is e MG ALBA ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Is e an dleastanas laghail a th’ air a’
bhuidhinn, fo Achd Chonaltraidh 2003, dèanamh cinnteach gu bheil roghainn farsaing de dheagh phrògraman Gàidhlig rim faighinn airson daoine ann an Alba. Shir MG ALBA cobhanntachd leis a’ BhBC mar an dòigh as fheàrr airson an dleastanas seo a choilionadh san linn didseataich.
Airson fiosrachadh mun BhBC agus Urras a’ BhBC, faicibh
www.bbc.co.uk