Ceangal ris a’ choimhearsnachd
Tha buidseat beag aig MG ALBA airson a thoirt do phròiseactan stèidhichte sa choimhearsnachd gus dèanamh cinnteach gum bi pàirt freagarrach againn anns a’ choimhearsnachd sa bheil a’ chuid as motha den luchd-obrach againn ag obair no sa choimhearsnachd Ghàidhlig san fharsaingeachd. ’S dòcha gun toirear duaisean singilte de suas ri £250 m choinnicheas iarrtas ri na slatan-tomhais a leanas:
Tha am pròiseact ag adhartachadh uallach sòisealta corporra no dàimhean math sa choimhearsnachd sa bheil MG ALBA stèidhichte mar fhastaiche no ann an coimhearsnachd Ghàidhlig, a’ toirt air adhart sgilean taisbeanaidh no cruthachail chom-pàirtichean sa phròiseact ann an dòigh a tha a’ toirt buannachd don roinn chruthachail Ghàidhlig no a’ toirt air adhart foghlam ann an cùisean a bhuineas do chànan no cultar na Gàidhlig; agus
Tha am pròiseact ga dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig no na com-pàirtichean a’ gealltainn Gàidhlig a chleachdadh mar an cànan obrach no Gàidhlig adhartachadh san fharsaingeachd.