Ceann-ama airson molaidhean airson prògraman – 10 Faoilleach, 2012 aig 1f.
Ceann-latha airson co-dhùnaidhean na co-bhanntachd MG ALBA/BBC – 17 Gearran, 2011.
Bidh sinn airson gun tèid programan an libhrigeadh bhon Lùnastal 2012 agus nas ainmiche ach dh’fhaodadh e bhith nas tràithe cuideachd.
Thèid gabhail ri tagraidhean airson ath-choimiseanadh de phrògraman neo de shreathan cuideachd.
Dh’fhaodadh co-mhaoineachadh bhith mar phàirt de bhuidseatan ach b’fheàrr linn nach ann bho chraoladair farpaiseach a thigeadh co-mhaoineachadh.
SÙIL AIR A’ CHLÀR PHRÒGRAMAN.
San fharsaingeachd, tha trì beàrnan sònraichte aig BBC ALBA gach latha seachdaineach:
8:30 f – prògraman leth uair a thìde a tha ag amas gu sònraichte air coimhearsnachdan Ghàidhlig agus an cuid ùidhean
9:00 f – prògraman uair a thìde, an dà chuid aithriseach agus cur-seachad a tha ag amas air luchd-amhairc nàiseanta (aois 40 +)
10:00 f – prògraman leth uair a thìde, gu h-àraidh cur-seachad, ag amas gu nàiseanta air luchd-amhairc nas òige
Tha a’ chuairt coimiseanaidh seo a’ lorg phrògraman airson nam beàrnan sònraichte seo ach cuideachd a’ cur fàilte air tagraidhean airson prògraman chloinne.
MOLAIDHEAN AIRSON PRÒGRAMAN.
Bu chòir do thagraidhean ainmeachadh dè am prògram air a bheil iad ag amas sa chuairt seo.
Bu chòir geàrr-chunntas cruthachail, goirid, le fiosrachadh mu cò bhios air beulaibh is air cùl camara agus buidseat a bhith an cois gach tagradh. Cha bu chòir dhan tagradh a bhith na b’fhaide na aon duilleag A4 airson gach prògram. Faodar cothrom a thoirt leudachadh air na geàrr-chunntasan sin tro agallamhan leis na tagraichean.
Dreach chinn-latha airson Cuairtean Coimiseanaidh eile.
Tha MG ALBA agus am BBC a’ sùileachadh gum bi dà chuairt coimiseanaidh eile ann an 2012.
Cuairt Coimiseanaidh Samhraidh – 2012.
Dreach cheann-ama airson molaidhean airson prògraman – 29 Cèitean, 2012 aig 1f.
Dreach cheann-latha airson co-dhùnaidhean bho cho-bhanntachd MG ALBA/BBC – 6 Iuchar, 2012.
Cuairt Coimiseanaidh Geamhraidh 2012/13.
Dreach cheann-ama airson molaidhean airson prògraman – 15 Faoilleach, 2013 aig 1f.
Dreach cheann-latha airson co-dhùnaidhean bho cho-bhanntachd MG ALBA/BBC – 22 Gearran, 2013.
Bidh fiosrachadh mu na cuairtean coimiseanaidh sin air fhoillseachadh nas fhaisge air na dreach chinn-latha sin.
Gabhaidh co-bhanntachd MG ALBA/BBC ri molaidhean airson prògraman a tha co-cheangailte ri ceann-latha sònraichte eadar na cuairtean àbhaisteach aig àm sam bith agus feuchar ris na co-dhùnaidhean coimiseanaidh a thilleadh cho luath ’s a ghabhas.
Bu choir na tagraidhean agaibh agus ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo a chur gu Fiona NicChoinnich, aig fiona.mackenzie@mgalba.com.