Leasachadh
Bu chòir do dhaoine no buidhnean le beachdan airson prògram a tha a’ sireadh maoineachadh leasachaidh iarrtas a chur a-steach fo chumhaichean Cuairt Coimiseanaidh. Sa chumantas cha bheachdaich sinn air iarrtasan tuairmeasach airson maoineachaidh gus bheachdan a leasachadh ach a-mhàin ma tha ùine romhpa no ma ’s e cothrom sònraichte nach robh sinn a’ sùileachadh a tha annta no ma tha iad a cuir ri èifeachdas sgeamaichean trèanaidh le MG ALBA mar sponsair.