Maoineachadh > Telebhisein Gàidhlig

Prògraman Telebhisein Gàidhlig

Tha ullachadh solair fad-ùine againn ri companaidhean riochdachaidh airson na h-uiread de na riatanasan phrògraman againn. Bidh sinn cuideachd a’ dèanamh Cuairtean Coimiseanaidh gach bliadhna, tha fiosrachadh iomlan air an làrach-lìn againn. Bidh ar sgioba deasachaidh a’ measadh a h-uile h-iarrtas agus a’ taghadh nam beachdan as fheàrr airson prògraman don luchd-amais.

Bu chòir do dhaoine no buidhnean le beachdan airson prògram iarrtas a chur a-steach fo chumhaichean nan Cuairtean Coimiseanaidh. Ma tha bun-bheachd math agaibh ach nach eil an t-airgead no an comas agaibh airson a’ phrògram a dhèanamh bu choir dhuibh bruidhinn ri companaidh riochdachaidh gus faicinn an toir iad air adhart am bun-bheachd còmhla ribh. Gu mì-fhortanach chan urrainn dhuinne an t-seirbheis seo a thoirt dhuibh. Ma tha cead againn bho na companaidhean sin ’s dòcha gun urrainn dhuinn liosta a thoirt dhuibh de chompanaidhean a bhios a’ dèanamh phrògraman Gàidhlig.

Mur h-urrainn cha sheall sinn sa chumantas ri iarrtasan tuairmeasach ach a-mhàin ma tha ùine romhpa no ma ’s e cothrom sònraichte nach robh sinn a’ sùileachadh a tha annta.