Modhan Obrach
Cha bheachdaich sinn ach air tagraidhean sgrìobhte
Bu choir gun cluinnidh sibh bhuainn taobh a-staigh 10 là obrach. Mura h-eil sibh air cluinntinn san ùine sin cuiribh fòn airson dearbhadh gun d’fhuair sinn ur tagradh.
Mura h-eil sinn air co-dhùnadh a ruighinn taobh a-staigh 10 là leigidh sinn fios thugaibh cò a tha a’ dèiligeadh ler tagradh agus cuin a bu choir dhuinn co-dhùnadh a ruighinn.
Mura h-eil ur tagradh soirbheachail tha sinn ro-dhèonach fios a chur thugaibh mu na h-adhbharan, ma tha sibh ga iarraidh
Ma tha gearain agaibh mu dheidhinn an dòigh as an deach ur tagradh a làimhseachadh neo mu dheidhinn toradh ar co-dhùnadh bu choir sgrìobhadh an toiseach chon an oifigear a bha a’ làimhseachadh ur tagradh. Mura tèid seo a rèiteachadh a-rèir ur miann sgrìobhaibh chon an Àrd Oifigear a’ dealbhachadh an t-suidheachadh agus brìgh ur gearain. Ni an t-Àrd Oifigear rannsachadh air a chùis agus cuiribh e neo i freagairt sgrìobhte thugaibh.
Àrd Oifigear
MG ALBA
Sràid Shìphoirt
Steòrnabhagh
Eilean Leòdhais
HS 1 2SD
01851 70555 Chief Executive