Gach bliadhna bidh MG ALBA a’ mìneachadh amasan ro-innleachdail, prìomhachasan cosg agus buidseatan airson na h-ath bhliadhna sa Phlana Gnìomhachais aca.

Iarrtas Maoineachadh

Tha MG ALBA a’ cosg a mhaoineachaidh air prògraman Gàidhlig agus pròiseactan buntainneach.

’S e stiùireadh goirid a tha an seo airson innse dhuibh ciamar a bu chòir dhuibh iarrtas a chur airson maoineachadh pròiseict agus ciamar a bhios sinn a’ dèiligeadh ri iarrtasan airson taic ionmhais. Bidh sinn a’ beachdachadh air gach iarrtas airson maoineachadh pròiseict a rèir an airidheachd fa leth.