BBC ALBA – Pròiseact Leasachaidh Air-loidhne do Luchd-ionnsachaidh agus Fileantaich na Gàidhlig 2010
Tha seirbheis BBC ALBA air a ruith fo chead-craolaidh a’ BhBC agus air a riaghladh le MG ALBA agus leis a’ BhBC. Aig an àm seo chuireadh co-bhanntachd MG ALBA/BBC fàilte air tagraidhean bho chompanaidhean riochdachaidh mu bheachdan airson structair làrach-lìn ur do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus dhaibhsan a tha airson an cuid Gàidhlig a leasachadh. Bu choir gun tigeadh tagraidhean bho chompanaidhean riochdachaidh aig a bheil eòlas air ghoireasan air-loidhne libhrigeadh.
CUAIRT COIMISEANAIDH AIR–LOIDHNE
1. Ceann-là airson tagraidhean – 6 Iuchar, 2010 aig 1.00f.
2. Coinneachadh ris na companaidhean a shoirbhicheas sa chiad cheum den chuairt san Iuchar/Lùnastal
3. Ceann-là airson tagraidhean crìochnaichte bho chompanaidhean air a’ gheàrr-liosta – 15 Sultain, 2010 aig 1.00f.
4. Ceann-la airson co-dhùnaidhean MG ALBA/BBC – 5 Dàmhair, 2010.
1. TAGRAIDHEAN
Tha sinn a sireadh thagraidhean bho chompanaidhean aig a bheil ùidh sa phròiseact. Bu chòir do gheàrr-chunntas den chompanaidh, fiosrachadh mu eòlas luchd-obrach agus ealantas ann a bhith a’ cruthachadh agus a’ libhrigeadh goireasan air-loidhne ann an Gàidhlig a bhith an cois gach tagradh. As a sin ni MG ALBA/BBC geàrr-liosta.
2. FIOSRACHADH AIR PRÒISEACT LEASACHAIDH AIR-LOIDHNE DO LUCHD-IONNSACHAIDH/FILEANTAICH NA GÀIDHLIG
• Tha am pròiseact a’ sùileachadh gun tèid làrach-lìn a chuir air bhog a tha a’ cruthachadh aon àite far am bith farsaingeachd de ghoireasan ionnsachaidh Gàidhlig
• ’S e pròiseact leasachaidh bunstructair a th’ann agus aig an ìre sa chan eil leasachadh stuthan ùra na lùib
• Tha am pròiseact a’ sùileachadh gun tèid an làrach-lìn a dhealbhachadh ann an dòigh a bhios furasta do luchd cleachdaidh a stiùireadh, agus a’ gabhail a-steach goireasan eile a tha mar tha ann am bith
• Tha am pròiseact a’ sùileachadh gun tèid goireasan taic airson cleachdadh a’ chànain a chuir an sàs, faclair Gàidhlig nam measg
Thèid cuireadh a thoirt do chompanaidhean a ruigeas a’ gheàrr-liosta a mhàin gu coinneamh còmhla ri MG ALBA/BBC. Dh’fhaodadh riochdairean bho ar com-pàirtichean sa phròiseact, Bòrd na Gàidhlig nam measg, a bhith an làthair cuideachd. A rèir buil nan coinneamhan sin bithear a’ sireadh thagraidhean ro cheann-la 15mh den t-Sultain.
Bu choir ceistean mu nì sam bith anns an t-sanas seo chur gu Alan Esslemont, aig alan.esslemont@mgalba.com.