MG ALBA
Air na duilleagan seo gheibh sibh fiosrachadh mu dleastanas MG ALBA ’s mar a thèid a choilionadh, aithisgean air na tha a’ bhuidheann a’ dèanamh, agus fios mun Bhòrd agus na Comataidhean.

MG ALBA - Mu ar Deidhinn
Is e dleastanas MG ALBA (ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) fo Achd Chonaltraidh 2003 dèanamh cinnteach gu bheil deagh phrògraman Gàidhlig rim faotainn airson dhaoine ann an Alba.

Ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, tha MG ALBA air BBC ALBA, an t-seirbheis dhidseatach Ghàidhlig, a stèidheachadh. Gheibhear fiosrachadh mun cho-bhanntachd an seo.

Tha e mar phrìomhachas aig MG ALBA cothrom-sgaoilidh BBC ALBA a ghlèidheadh air a h-uile ùrlar didseatach agus craoladh sa Ghàidhlig a dhèanamh seasmhach san àm ri teachd. Tha MG ALBA cuideachd ag obair còmhla ri riochdairean airson leasachadh, trèanadh agus cleachdadh Gàidhlig mar chànain-obrach a’ ghnìomhachais-riochdachaidh a bhrosnachadh.

Tha MG ALBA air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus air a riaghladh le Ofcom.