AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
2009
2008
Iolaire
Freesat in Carehomes
Seachd Premier
Sheepdog Trials
Craig Brown
Isles Christmas
Live Hogmanay
Festive Highlights
FilmG voting begins
Sear gu Siar - Guatemala
Cocaire
Sear gu Siar - India
Scots Trad Music Awards
Newsletter Dec
FilmG Final Call
Challenge Cup Final LIVE
Live Rugby Coverage
Dundee V Aberdeen 'as-live'
Newsletter Nov
David Lunan
Audience Figures
Scotland V Russia
First Month
Man of the Match
Challenge Cup Semi-final
Hands Up for Trads
Hearts V Inverness
BBC ALBA Launch
Challenge Cup Semi-final Draw
Community Training Schemes
Schools Debate
Two weeks to Launch
BBC ALBA launch date announced
MG ALBA sponsor Challenge Cup
Schools Debate
Cruthachadh phrògraman Gàidhlig
Linda Fabiani Visit
Newsletter July
FilmG 2008 launch
Screen Writing and Development Workshops
Video Editing and Graphic Services
New Senior Appointments
Gaelic Digital Service plans approved
Encouraging Research Findings
Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus BBC Alba air fàilte a chur air co-dhùnadh Urras a’ BhBC aontachadh ri molaidhean airson na Seirbheis Didseataich Gàidhlig.
Bidh Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus BBC Alba a-nis a’ tòiseachadh air na planaichean aca a thoirt gu buil son an t-seirbheis ùr a chur air bhonn. Bidh Bòrd Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a’ coinneachadh a-màireach (29 Faoilleach) airson beachdachadh air na cùmhnantan co-cheangailte ri co-dhùnadh an Urrais.
Thuirt Niall Friseal, Cathraiche Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig: “Tha sinn a’ cur fàilte air co-dhùnadh an Urrais. Is e ceum cudromach a th’ ann airson craoladh Gàidhlig agus is urrainn dhuinn a-nis cumail oirnn le bhith ag ullachadh, ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, airson seirbheis telebhisein Ghàidhlig ùir a chruthachadh airson muinntir na h-Alba.”
Thuirt Coinneach MacGuaire, Àrd-stiùiriche BBC Alba: Tha sinn air leth toilichte gu bheil an t-Urras air cead-craolaidh a thoirt seachad airson na seirbheis ùir. Tha BBC Alba a’ coimhead le fiughair ri bhith ag obair ann an co-bhanntachd le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig son an t-seirbheis ùr seo a libhrigeadh. Tron t-Seirbheis Dhidseataich Ghàidhlig gheibh luchd na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh agus a h-uile duine aig a bheil ùidh sa chànain raon farsaing de phrògraman agus stuthan eile. Bidh na prògraman air an t-seirbheis ùir tarraingeach do dhaoine aig nach eil Gàidhlig, do luchd-ionnsachaidh agus do dhaoine nach eil a’ coimhead phrògraman Gàidhlig aig an àm seo.”
Fiosrachadh do luchd-deasachaidh:
Is e Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a’ bhuidheann air a bheil dleastanas dèanamh cinnteach gun tèid raon farsaing de dheagh phrògraman Gàidhlig a chraoladh airson dhaoine ann an Alba, le bhith a’ maoineachadh, a’ coimiseanachadh neo a’ riochdachadh phrògraman Ghàidhlig airson telebhisean, rèidio, air-loidhne agus nam meadhanan ùra, agus le bhith an-sàs ann an trèanadh, leasachadh agus rannsachadh luchd-amhairc. Tha
Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus am BBC air aontachadh gun obraich an dà buidheann ann an co-bhanntachd airson seirbheis ùr a chruthachadh a bhios beothail, farsaing, cosg-èifeachdach agus stèidhichte anns an là an-diugh