Naidheachdan > 2008

BBC ALBA a’ tòiseachadh 19 Sultain

Tha MG ALBA agus am BBC air ainm agus latha tòiseachaidh na seirbheis didseataich Gàidhlig fhoillseachadh.
Bidh an t-seirbheis ùr, BBC ALBA, a’ tòiseachadh Dihaoine 19 Sultain 2008 aig 9f.

Chuir Alasdair Moireasdan, Cathraiche Bòrd MG ALBA, agus Coinneach MacGuaire, Àrd-stiùiriche a’ BBC ann an Alba, fàilte air an naidheachd.

Thuirt Mgr Moireasdan, “Se clach mìle mhiorbhuileach airson craoladh a tha seo, gu bheil BBC ALBA a’ tighinn beò. Is e an rud as cudromaiche airson MG ALBA gu bheil deagh sheirbheisean telebhisein, rèidio agus air-loidhne rim faighinn airson luchd-amhairc is luchd-èisteachd, agus tha mi air leth toilichte gu bheil sinn a-nis a’ cur seirbheis ùr air dòigh tron cho-bhanntachd eachdraidheil eadar MG ALBA agus am BBC.”

Thuirt Coinneach MacGuaire, “Is e àm air leth a th’ ann airson craoladair sam bith ma tha sianal ùr a’ tòiseachadh, agus tha mi uabhasach toilichte gum bi an t-seirbheis seo ga cur air bhog an seo ann an Alba mar thoradh air a’ cho-bhanntachd eadar am BBC agus MG ALBA. Le foillseachadh BBC ALBA an ath mhìos tha sinn a’ faicinn ceann-amais na coimhearsnachd Gàidhlig a’ tighinn gu bith as dèidh ùine fhada agus oidhirp mhòr leis an fheadhainn a tha air a bhith ag obair gu dìcheallach air a’ phròiseact. Bidh BBC ALBA a’ tairgsinn seirbheis ùr, leasaichte gu luchd-amhairc le Gàidhlig agus bidh e cuideachd a’ tàladh luchd-amhairc nas farsainge air feadh Alba le roghainn de phrògraman inntinneach is tarraingeach.”

A’ bruidhinn mun t-seirbheis ùir, thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigear MG ALBA, “Tha latha tòiseachaidh BBC ALBA a’ teannadh oirnn ’s cha bhi e fada a-nis mus faigh luchd-amhairc ann an Alba cothrom prògraman ùra sa Ghàidhlig fhaicinn a h-uile latha. Air a chiad oidhche, chì sinn drama ùr le Greg Hemphill mar Elbhis agus cuirm-ciùil beò bhon Eilean Sgitheanach leis an luchd-ciùil as fheàrr ann an Alba, agus thairis air na mìosan a tha romhainn bidh sinn a’ craoladh roghainn farsaing de spòrs, naidheachdan agus prògraman cloinne, aithris is cur-seachad a chòrdas ri sean is òg.”