Naidheachdan > 2008

CRAIG BROWN AN CEANN IOMAIRT AN AGHAIDH SGIOBA BREATANNACH

Tha seann Mhanaidsear Sgioba Ball-coise na h-Alba, Craig Brown, air fhoillseachadh gu bheil e gu bhith an ceann ath-chuinge AN AGHAIDH SGIOBA GB am broinn Bhall-coise Albannach.

Ann an agallamh dà-phàirteach a bhios ga chraoladh air BBC ALBA Disathairne agus Didòmhnaich seo tighinn, chuir Craig Brown an cèill gu bheil e gu làidir an aghaidh leithid de rud ri sgioba GB is e ag ràdh, “Chan eil mi a’ cur earbsa ann am FIFA”.

A’ bruidhinn gu sònraichte ri ‘Spòrs’ BBC ALBA, chnuasaich seann Mhanaidsear na h-Alba air a’ bheachd a th’ aige gu bheil FIFA a-nis a’ feuchainn ri ball-coise air feadh an t-saoghail a shìmpleachadh ri linn àrdachadh mòr anns an àireamh de sgiobaidhean nàiseanta a thàinig gu bhith sna 1990n às dèidh sgaraidhean san Aonadh Shoibhiet agus Iugoslabhia.

Tha a chuid bheachdan a’ nochdadh air thoiseach air co-dhùnadh a tha an dùil tachairt an ath sheachdain a chuireas iomairt oifigeil air bhog, is Craig Brown os a cionn, an aghaidh Sgioba GB ann am ball-coise ann am Olympics 2012.

A’ dèanamh iomradh air, thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman BBC ALBA: “Tha agallamh Chraig a’ toirt tuigse air a sheasamh mu bhall-coise Albannach agus gu seachd àraid mun deasbad a th’ ann an-dràsta air Sgioba Breatannach airson Olympics 2012.

“Tha sinn a’ sìor lorg dhòighean gus ar pasgan spòrs a thoirt am feabhas agus tha an agallamh seo na dheagh eisimpleir air a bhith a’ tabhann susbaint bhuntainneach is chudromach. O chaidh ar cur air bhog, tha ullachadh spòrs BBC ALBA air a bhith ga dhearbhadh gu sònraichte coiteanta agus na fhìor shoirbheachadh.”

Thèid a’ chiad earrann de dh’agallamh Chraig Brown a chraoladh rè Spòrs BBC ALBA air Oidhche Shathairne eadar 8-10f agus chìthear earrann a dhà air Spòrs Dhidòmhnaich eadar 2.30-4.30f. Gheibhear BBC ALBA air sianal 168 Sky agus air sianal 110 Freesat.

Rè an agallaimh, bidh Craig Brown cuideachd a’ beachdachadh air na h-amannan as fheàrr na dhreuachd agus mar a bha e na phàirt de Chuairtean-deireannach Chuach na Cruinne am Meagsago ann an 1986 còmhla ris an Ridire Alex Ferguson.