AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
2009
2008
Iolaire
Freesat in Carehomes
Seachd Premier
Sheepdog Trials
Craig Brown
Isles Christmas
Live Hogmanay
Festive Highlights
FilmG voting begins
Sear gu Siar - Guatemala
Cocaire
Sear gu Siar - India
Scots Trad Music Awards
Newsletter Dec
FilmG Final Call
Challenge Cup Final LIVE
Live Rugby Coverage
Dundee V Aberdeen 'as-live'
Newsletter Nov
David Lunan
Audience Figures
Scotland V Russia
First Month
Man of the Match
Challenge Cup Semi-final
Hands Up for Trads
Hearts V Inverness
BBC ALBA Launch
Challenge Cup Semi-final Draw
Community Training Schemes
Schools Debate
Two weeks to Launch
BBC ALBA launch date announced
MG ALBA sponsor Challenge Cup
Schools Debate
Cruthachadh phrògraman Gàidhlig
Linda Fabiani Visit
Newsletter July
FilmG 2008 launch
Screen Writing and Development Workshops
Video Editing and Graphic Services
New Senior Appointments
Gaelic Digital Service plans approved
Encouraging Research Findings
A' Cruthachadh phrògraman Gàidhlig airson an latha-màireach
Tha MG ALBA a’ tòiseachadh air sgeama mòr leasachadh proifeiseanta leantainneach airson riochdairean agus dhaoine ag obair air an cinn fhèin sa ghnìomhachas telebhisein Ghàidhlig, gus am bi taic aca ann a bhith a’ dèanamh phrògraman aig àrd ìre airson na Seirbheis Didseataich Gàidhlig, a tha MG ALBA a’ cur air bhonn ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC.
Thairis air dà bhliadhna, bidh MG ALBA a’ cur £260k a-steach anns an sgeama, a’ toirt do dhaoine a tha a’ tòiseachadh sna dreuchdan aca agus do phroifeiseantaich aig a bheil deagh eòlas air ghnìomhachas cothrom fhaighinn air maoineachadh airson trèanadh agus leasachadh proifeiseanta leantainneach. Bheir MG ALBA seachad suas gu 50% de chosgais phlanaichean trèanaidh, ma thig an còrr den airgead bho na daoine fhèin no bho shruthan maoineachaidh eile.
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigear MG ALBA: “Tha sinn air taic a chumail ri trèanadh sa ghnìomhachas telebhisein Ghàidhlig fad iomadh bliadhna tro Urras Trèanaidh Telebhisein Ghàidhlig, agus tha sinn ag aithneachadh gu bheil leasachadh proifeiseanta leantainneach nas cudromaiche an-diugh na bha e riamh ann an gnìomhachas a tha a’ gluasad air adhart airson an dùbhlan a bhith a’ lìbhrigeadh phrògraman aig àrd ìre san linn didseataich a ghabhail os làimh. Tha an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig a’ toirt do chompanaidhean riochdachaidh agus do phroifeiseantaich a tha ag obair air an cinn fhèin cothrom barrachd phrògraman a dhèanamh agus barrachd luchd-obrach fhastadh, agus tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil na sgilean ceart aca airson na prògraman a chòrdas ris an luchd-amhairc a chruthachadh.”
Chuir Alasdair Mac a’ Ghobhainn, stiùiriche Skillset Scotland, comhairle sgilean ghnìomhachais airson nam meadhanan cruthachail, fàilte air an naidheachd, ag ràdh:
“Tha Skillset glè thoilichte gu bheil MG ALBA a’ cur cùl-taic cho mòr ri sgilean agus trèanadh aig àm a tha craoladh ann an Alba fo phrosbaig. Tha craoladh a’ crochadh gu mòr air sgilean an luchd-obrach, gu h-àraidh fhad ’s a tha an gnìomhachas ag atharrachadh a rèir nan dùbhlan a dh’èireas às na teicneolasan didseatach ùra. Bidh an taic-airgead seo air leth feumail mar chuideachadh do chompanaidhean agus do dhaoine a tha ag obair air an cinn fhèin ann a bhith a’ freagairt ris na dùbhlain ùra, agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ri MG ALBA mus toisich an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig ùr agus san àm ri teachd.”
Thuirt Linda Fabiani, Ministear na Roinn Eòrpa, Chùisean Cèin agus a’ Chultair:
“Tha e mar rùn daingeann aig an Riaghaltas seo an gnìomhachas craolaidh ann an Alba a neartachadh, agus is ann air an adhbhar sin a stèidhich sinn Coimisean Craolaidh na h-Alba. Tha e follaiseach gu bheil e cudromach ann a bhith a’ togail a’ ghnìomhachais gum bi cothroman aig luchd-obrach na sgilean aca a leasachadh, agus tha seo air leth cudromach airson craoladh Gàidhlig, ’s an sianal ùr gu bhith a’ tòiseachadh a dh’aithghearr. Tha mi glè thoilichte gu bheil MG ALBA air taic cho làidir a thoirt gu trèanadh sa ghnìomhachas.”
Thathar a’ toirt cuireadh tagraidhean a chur a-steach ro Dhihaoine 8 Lùnastal 2008 agus bidh na h-aontan air am foillseachadh ro 22 Lùnastal 2008. Airson faighinn a-mach cò dh’fhaodas cur a-steach airson an sgeama agus airson barrachd fiosrachaidh, faic www.mgalba.com.