AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
2009
2008
Iolaire
Freesat in Carehomes
Seachd Premier
Sheepdog Trials
Craig Brown
Isles Christmas
Live Hogmanay
Festive Highlights
FilmG voting begins
Sear gu Siar - Guatemala
Cocaire
Sear gu Siar - India
Scots Trad Music Awards
Newsletter Dec
FilmG Final Call
Challenge Cup Final LIVE
Live Rugby Coverage
Dundee V Aberdeen 'as-live'
Newsletter Nov
David Lunan
Audience Figures
Scotland V Russia
First Month
Man of the Match
Challenge Cup Semi-final
Hands Up for Trads
Hearts V Inverness
BBC ALBA Launch
Challenge Cup Semi-final Draw
Community Training Schemes
Schools Debate
Two weeks to Launch
BBC ALBA launch date announced
MG ALBA sponsor Challenge Cup
Schools Debate
Cruthachadh phrògraman Gàidhlig
Linda Fabiani Visit
Newsletter July
FilmG 2008 launch
Screen Writing and Development Workshops
Video Editing and Graphic Services
New Senior Appointments
Gaelic Digital Service plans approved
Encouraging Research Findings
BT Alba gus leantainn le taic airson Deasbad Gàidhlig nan Sgoiltean
Tha Comataidh Stiùiridh Deasbad Gàidhlig Nàiseanta nan Sgoiltean toilichte ainmeachadh gu bheil BT Alba air aontachadh leantainn le taic a chuir ris an fharpais airson 2008. Tha BT Alba, a tha an de bhith cuir taic ris an fharpais bho 1999, den bheachd gu bheil obrachadh còmhla ri coimhearsnachdan ionadail, carthannasan agus riaghaltas a dèanamh eadar-dhealachadh ann am beatha dhaoine, fosgladh dhorsan gu foghlam, obair, dibhearsain agus com-pàirteachadh sòisealta. Tha Deasbad Nàiseanta BT Alba fosgailte gu sgoilearan Àrd-sgoil bho air feadh na dùthcha aig a’ bheil Gàidhlig agus tha e a-toirt cothrom dhaibh coinneachadh agus deasbad mu cuspairean a tha riatanach aig ìre ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Bho chaidh a thòiseachadh ann an 1999, tha Deasbad Nàiseanta BT Alba air fàs gu bhith na phàirt cudthromach den bhliadhna acadaimigeach, le sgoiltean bho air feadh Alba a’ gabhail pàirt. Chaidh seo aithneachadh ann an 2003 nuair a fhuair an fharpais duais Eòrpach airson Coileanadh Cànain. Anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh tha Cuairt-deireannach an fharpais, a tha air a’ chraoladh beò air BBC Craoladh nan Gàidheal, an dè bhith air a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba. Thubhairt Calum Iain Macleòid, Cathraiche na Comataidh Stiùiridh, “Tha sinn toilichte gu bheil BT Alba air aontachadh leantainn taic a chuir ris an Deasbad. As aonais an taic bho BT Alba, cha bhiodh e comasach na cloinne a tha seo bho air feadh Alba a thoirt còmhla airson an Deasbad agus tha sinn gu mòr taingeil air a shon. Fhads a tha an fharpais a dol bho neart gu neart, tha na sgoilearan a gabhail pàirt cuideachd a’ faighinn tuilleadh misneachaidh, agus leasachadh na sgilean rannsachaidh agus deasbaid aca. Tha sinn coimhead air adhart ri farpais fìor-mhath a-rithist na bliadhna sa.”
Thubhairt Liz Turner, Manaidsear Dleastanasan Chorporra, BT Alba: “Tha BT Alba moiteil seach gu bheil an cothrom againn taic a chuir Deasbad Gàidhlig nan Sgoiltean a-rithist na bliadhna sa agus gus pàirt a chluich ann a bhith a’ moladh Gàidhlig. Tha BT air milleanan de notaichean a chuir a-steach do phrògram foghlaim farsainn agus tha sinn ag obair cruaidh gus cuideachadh daoine òga na sgilean conaltraidh aca a leasachadh. Tha sin sgilean conaltraidh seo, bruidhinn agus èisteachd, nas cudthromaiche an diugh leis na tha sinn a cleachdadh de stuthan didseatach, gun diofar dè an cànan a tha thu cleachdadh. ‘S e cothrom a tha ann an Deasbad Nàiseanta nan Sgoiltean dha na daoine òga seo sealltainn na sgilean labhairteach agus èisteachd aca, agus cho ìmpidheach sa tha iad.”
Tha Comunn na Gàidhlig, MG Alba, BBC Alba agus Comhairle nan Eilean Siar cuideachd a cuir taic ri Deasbad Nàiseanta BT Alba