Naidheachdan > 2008

BOROUGHMUIR V STIRLING COUNTY – BEÒ AIR TBH

Gheibh luchd-leantainn rugbaidh air feadh Alba cothrom gèam Didòmhnaich eadar Boroughmuir is Stirling County fhaicinn beò air an t-sianal ùr telebhisein BBC ALBA.

Thèid an gèam eadar sgiobaidhean na Prìomh Roinne, Boroughmuir agus Stirling County, a chraoladh beò bho Meggetland (a’ tòiseachadh aig 3f).

Bidh agallamh sònraichte sa prògram le Chris Paterson a thuilleadh air aithris mun fharpais leantainneach as aosta ann an eachdraidh rugbaidh an t-saoghail, a chaidh a chluich an toiseach ann 1858 eadar Sgoil Caisteal Mherchiston agus sgoilearan bho Acadamaidh Dhùn Èidinn. Bidh agallamhan beò bhon dà sgioba an dèidh nan geamannan air an telebisean cuideachd.

‘S i seirbheis compàirteachaidh, eadar MG ALBA agus BBC Alba a th’ ann am BBC ALBA. Tha sàr phasgan spòrs an t-sianail ga thabhann ann an co-bhoinn le MNE Media.

Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman aig BBC ALBA: “Tha tabhann gèam Phrìomh-fharpais Roinn a h-Aon beò air an telebhisean na fhìor bhrosnachadh dha luchd-leantainn ionadail as urrainn a-nis coimhead air mar a bhios e a’ tachairt, agus dha luchd-leantainn rugbaidh cluba air feadh Alba.

"Bha na ciad gheamaichean beò air an telebhisean air an dearbhadh taitneach gu mòr dha luchd-amhairc agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ lìbhrigeadh pasgan farsaing rugbaidh air an TBh tron t-seusan air fad. Bha fadachd oirnn gus am biodh craodhladh beò rugbaidh cluba ann agus tha mi toilichte da-rìribh gu bheil BBC ALBA a’ tabhann na seirbheis mhiannaichte seo."

Thuirt Àrd-oifigear Rugbaidh na h-Alba Gordon McKie: "Tha sinn ro thoilichte gu bheil BBC ALBA cho brosnachail ann a bhith ag obair còmhla rinn gus cliù ar gèama àrdachadh."

Thuirt neach-trèanaidh Bhoroughmuir, Eamon John:  "Saoilidh mise gu bheil craoladh a’ ghèama math dha-rìribh dha na clubaichean agus dha na cluicheadairean. Tha e sgoinneil gun urrainn do dhaoine rugbaidh cluba fhaicinn air an telebhisean agus ’s e leasachadh a tha seo don ghèama chluba an Alba air a bheil sinn a’ cur fàilte."

Thèid gèam Didòmhnaich a chraoladh beò air BBC ALBA bho 3f – 5f agus chìthear e air sianal 168 Sky agus air sianal 110 Freesat.