Naidheachdan > 2008

CRAOLADH MAR BEÒ DEN GHÈAM SPL EADAR DÙN DÈAGH AONAICHTE IS OBAR DHEATHAIN AIR BBC ALBA

Gheibh luchd-leantainn ball-coise air Taobh Tatha agus san Ear Thuath an cothrom a-màireach (Disathairne 8 Samhain) an gèam SPL eadar Dùn Dèagh Aonaichte is Obar Dheathain fhaicinn ‘mar-beò’ air an t-sianal ùr teleibhisein, BBC ALBA. 

Tha BBC ALBA a’ tabhann sàr phasgan spòrs ann an co-cheangal ri MNE Media airson aon ghèam ann am Prìomh Lìog Banca Clydesdale a shealltainn a h-uile oidhche Shathairne, air  BBC ALBA thairis air an ath dhà sheusan.

Bidh prògram an latha a-màireach a’ tòiseachadh aig 8f agus bidh agallamh shònraichte ann leis an adhartaiche bogsaidh, Tommy Gilmour a thuilleadh air stiùireadh timcheall baile Dhùn Dèagh dha neach-leantainn ball-coise.

Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman aig BBC ALBA: “’S e pasgan spòrs fìor mhath a tha seo dha luchd-leantainn ball-coise air Taobh Tatha agus san Ear Thuath oir gheibh iad cothrom gèam iomlan na sgioba as fheàrr leotha fhaicinn ‘mar-beò’ air oidhche Shathairne, bhon dachaigh fhèin no bhon taigh-sheinnse aca.  Tha sinn air leth toilichte gun urrainn dhuinn pasgan ball-coise is spòrs cho taitneach a chraoladh de aon ghèam SPL gach Disathairne.”

Thèid gèam an latha a-màireach a chraoladh ‘mar-beò’ air BBC ALBA bho 8f – 10f agus chithear e air sianal 168 Sky agus air sianal 110 Freesat.

‘S i seirbheis compàirteachaidh, eadar MG ALBA agus BBC Alba a lìbhrigeas prògraman sònraichte de shàr chàileachd bhon dùthaich seo fhèin, a th’ ann am BBC ALBA