AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
2009
2008
Iolaire
Freesat in Carehomes
Seachd Premier
Sheepdog Trials
Craig Brown
Isles Christmas
Live Hogmanay
Festive Highlights
FilmG voting begins
Sear gu Siar - Guatemala
Cocaire
Sear gu Siar - India
Scots Trad Music Awards
Newsletter Dec
FilmG Final Call
Challenge Cup Final LIVE
Live Rugby Coverage
Dundee V Aberdeen 'as-live'
Newsletter Nov
David Lunan
Audience Figures
Scotland V Russia
First Month
Man of the Match
Challenge Cup Semi-final
Hands Up for Trads
Hearts V Inverness
BBC ALBA Launch
Challenge Cup Semi-final Draw
Community Training Schemes
Schools Debate
Two weeks to Launch
BBC ALBA launch date announced
MG ALBA sponsor Challenge Cup
Schools Debate
Cruthachadh phrògraman Gàidhlig
Linda Fabiani Visit
Newsletter July
FilmG 2008 launch
Screen Writing and Development Workshops
Video Editing and Graphic Services
New Senior Appointments
Gaelic Digital Service plans approved
Encouraging Research Findings
Gairm mu dheireadh FILMG airson fhilmichean
Às deidh sia mìosan glè bhrosnachail tha FilmG, a’ chiad cho-fharpais fhilmichean goirid aig MG ALBA, a’ tarraing gu crìch. Bidh a’ cho-fharpais, a ghlèidh taic bho ghrunn daoine iomraiteach a’ gabhail a-steach stiùiriche a choisinn BAFTA Don Coutts, sgrìobhadair dhealbhan-cluich is sgriobtaichean Iain Fionnlagh MacLeòid agus an neach-camara dàna Keith Partridge (Touching the Void), a’ dùnadh airson inntrigidhean 1d an Dùbhlachd.
Le maoin duaisean luach £35,000 gu lèir agus fosglaidhean air leth airson am film a bhith air a leasachadh airson craoladh le MG ALBA air an t-sianal ùr Ghàidhlig BBC ALBA, ’s e fìor chothrom a tha seo do luchd-dèanamh fhilmichean ùra gus an cuid tàlainn a thaisbeanadh. Tha fhathast beagan sheachdainean ri dhol gu ruige ceann-là an dùnaidh mar sin tha sgioba FilmG a’ cur ìmpidh air duine sam bith aig a bheil ùidh ann am filmichean an obair aca fhèin a chur a-steach cho sgiobalta ’s urrainn dhaibh. A’ bruidhinn air a’ cho-fharpais, thuirt rionnag Still Game, Greg Hemphill, “tha film goirid na fhìor dheagh cheum gu ruige cosnadh ann an gnìomhachas nam filmichean agus feumar a bhrosnachadh an-còmhnaidh”.
Tha e comasach do dhaoine coimhead air agus bhòtadh airson an fhilm as fheàrr leotha air-loidhne aig www.filmg.co.uk bho 8mh an Dùbhlachd. Bidh duais shònraichte ‘Roghainn an t-Sluaigh’ air a buileachadh air an fhilm leis an àireamh as àirde de bhòtaichean.
Thèid na filmichean air a’ gheàrr-liosta a shealltainn aig oidhche mhòr nan duaisean ann an Taigh-cluiche Eden Court, Inbhir Nis, Dihaoine 6mh an Gearran 2009. Le ceòl beò agus preasantairean sònraichte air aoigheachd, bu chòir dhi bhith na h-oidhche mhìorbhaileach dhaibhsan a bhios ann.
Bidh an tuilleadh fiosrachaidh air na duaisean ri fhaotainn a dh’aithghearr air làrach-lìn FilmG.
Agus airson taic no comhairle anmoch cuir fios gu Flòraidh no Michelle, fios@filmg.co.uk no fòn (0)1471 888 500.