Naidheachdan > 2008
ULLACHADH SPÒRS BBC ALBA A’ TÒISEACHADH LE MÒR-SHOIRBHEACHAS
Bha sàr ullachadh spòrs BBC ALBA, a chaidh a chur air bhog Disathairne 20mh an t-Sultain le aithris bheò de gheama Phrìomh Lìog na h-Alba (SPL) Hearts an aghaidh Inbhir Nis ann an Tyncastle, na fhìor shoirbheachas.
Tha an t-ullachadh spòrs na phàirt air leth cudromach den chraoladh a tha ri fhaotainn air an t-sianal ùr Gàidhlig Albannach is e air a sholarachadh ann an co-bhanntachd le MNE Media. Chaidh cùmhnant a dhèanamh eadar MNE Media agus Prìomh Lìog na h-Alba gus aon gheama bho Phrìomh Lìog Bhanca na h-Alba a chraoladh gach oidhche Shathairne air BBC ALBA san ath dhà sheasan.
Bidh MNE Media a’ taghadh aon gheama bho gach cuairt gheamaichean airson nochdadh gu sònraichte ‘mar bheò’ mu thrì uairean a thìde às dèidh deireadh a’ gheama. Thèid agallamhan gu tur ùr a shealltainn cuideachd air an t-sianal le cuid dhe na h-ainmean as motha ann am ball-coise.
Thuirt Lex Gold, Cathraiche Gnìomhach Phrìomh Lìog na h-Alba: “Tha cur-air-bhog an t-sianail ùir BBC ALBA a’ toirt mòr thoileachas dhuinn. Bidh an craoladh làn-gheama aig BBC ALBA de fhear dher geamaichean gach seachdain a’ tabhann seirbheis chudromach don luchd-leantainn againn air feadh na dùthcha. Nì sinn ar dìcheall còmhla ris a h-uile duine a tha an sàs gus togail air na chaidh a stèidheachadh air a’ chiad dheireadh-sheachdain”.
Thuirt Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA: “Bha craoladh beò Phrìomh Lìog na h-Alba Hearts an aghaidh Inbhir Nis Disathairne na thòiseachadh freagarrach a chomharraich cur-air-bhog ullachadh ùr spòrs an t-sianail. Bha fàilte mhòr air a’ phrògram a sheallas taitneachd agus ìre an iarrtais aig luchd-leantainn spòrs air feadh na coimhearsnachd Gàidhealaich is Albannaich airson na seirbheis seo”.
“Bithear a’ dèanamh gach oidhirp gus barrachd cothrom a thoirt do luchd-amhairc is luchd-leantainn spòrs BBC ALBA le bhith a’ gleidheadh an àite-craolaidh cheart airson an t-sianail air Freeview. Thòisich còmhradh le Urras a’ BhBC an t-seachdain-sa agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair gu dlùth ri Urrasair Albannach a’ BhBC Jeremy Peat air an dearbh chùis seo. Air an dòigh seo tha sinn airson am beàrn air an toirmeasg didseatach a tha seo a lìonadh. Bu chòir, is feumaidh, BBC ALBA a bhith ri fhaotainn don luchd-amhairc gu h-iomlan gu h-àraidh nuair a tha sàr ullachadh craoladh spòrs againn ri thabhann.”
Chaidh maoineachadh airson ullachadh spòrs MNE a thoirt seachad e MG ALBA a tha ann an co-bhanntachd le BBC Scotland gus prògraman Albannach air leth is aig ìre àrd a dhèanamh.
Tha an sàr ullachadh spòrs, a bhios cuideachd a’ dèanamh aithrisean air rugbaidh is iomain Albannach, air a phreasantadh le Evelyn Coull bho Thaigh an Spòrs, stiùidio eadar-dhealaichte a tha a’ gealltainn fealla-dhà, dibhearsan agus rudeigin diofaraichte gus freagairt air a h-uile duine.
A’ cur ris an ullachadh spòrs bidh prògraman aithriseach ùr gan craoladh air BBC ALBA, nam measg prògram aithriseach sònraichte mu bheatha a’ cluicheadair iomraiteach ball-coise, Zinedine Zidance, agus a gheama mu dheireadh ann an Cuach na Cruinne a thèid a shealltainn a-rithist air an fheasgar aig 10.30f.