Naidheachdan > 2008

GAISGEACH AN DÀ GHÒIL AIG ROSS COUNTY, DAAL, A’ FAIGHINN DUAIS BBC ALBA, GAISGEACH A’ GHEAMA

Chaidh Dyron Daal bho Ross County ainmeachadh mar ghaisgeach urrasairean a’ gheama an dèidh a sgioba gabhail air Greenock Morton 4-1 an-dè agus gèam deireannach de Chupa Dùbhlain ALBA a ruighinn. Thog Dyron Daal an duais an dèidh dà thadhal fhaighinn dhan sgioba bhuadhach aige.

Tha Dyron Daal san dealbh a’ faighinn a dhuais bho rùnaire Ross County, Donnie MacBean.