AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
2009
2008
Iolaire
Freesat in Carehomes
Seachd Premier
Sheepdog Trials
Craig Brown
Isles Christmas
Live Hogmanay
Festive Highlights
FilmG voting begins
Sear gu Siar - Guatemala
Cocaire
Sear gu Siar - India
Scots Trad Music Awards
Newsletter Dec
FilmG Final Call
Challenge Cup Final LIVE
Live Rugby Coverage
Dundee V Aberdeen 'as-live'
Newsletter Nov
David Lunan
Audience Figures
Scotland V Russia
First Month
Man of the Match
Challenge Cup Semi-final
Hands Up for Trads
Hearts V Inverness
BBC ALBA Launch
Challenge Cup Semi-final Draw
Community Training Schemes
Schools Debate
Two weeks to Launch
BBC ALBA launch date announced
MG ALBA sponsor Challenge Cup
Schools Debate
Cruthachadh phrògraman Gàidhlig
Linda Fabiani Visit
Newsletter July
FilmG 2008 launch
Screen Writing and Development Workshops
Video Editing and Graphic Services
New Senior Appointments
Gaelic Digital Service plans approved
Encouraging Research Findings
Litir Naidheachd – Dùbhlachd 2008
A chàirdean,
Tha àm na Nollaig ’s na Bliadhn’ Ùire a’ teannadh oirnn agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris na prògraman a bhios air BBC ALBA – prògram sònraichte air Oidhche Challainn, am film Seachd agus gu leòr eile a chumas sinn toilichte tro oidhcheannan fuara a’ gheamhraidh.
Tha mi ’n dòchas gu bheil na prògraman againn a’ còrdadh ribh. Cuimhnichibh gu bheil BBC ALBA ri fhaighinn air Freesat 110, air Sky 168 agus air iPlayer. Mura h-eil an sianal agaibh fhathast, dè mu dheidhinn siostam Freesat a cheannach airson na Nollaig no sna fèilltean san Fhaoilleach? Airson fios mu na roghainnean agaibh, cuiribh fòn thugainn air 01851 705550.
Tha sinn a’ feitheamh fios fhathast bho Virgin Media mu dheidhinn BBC ALBA fhaighinn air càball. Tha e na bhrosnachadh mòr dhuinn gu bheil còrr air 1,800 duine air an ainmean a chur ri athchuinge gu Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh BBC ALBA air Freeview gun dàil. Ma tha beachdan agaibh air a’ chuspair seo, tha mi ’n dòchas gun cuir sibh fios thugainne, no neo chun a’ BhBC neo gu ur buill phàrlamaid.
San litir-naidheachd seo gheibh sibh fios mu FilmG, mu phrògraman a tha air fàire agus agallamh le Maggie Taylor, am manaidsear clàr phrògraman againn. Chan eil i air I’m A Celebrity Get Me Out Of Here a chur air a chlàr fhathast, ach tha e coltach gu bheil i eòlach gu leòr air luchd còmhnaidh eile an jungle!
Tha mi ’n dòchas gun còrd an litir seo ribh, agus gun cum sibh sùil air an làraich-lìn againn www.mgalba.com airson nan naidheachdan as ùire.
Le dùrachd,
Dòmhnall Caimbeul
Àrd Oifigear MG ALBA
FilmG
Thàinig còrr air 50 filmichean goirid a-steach airson farpais FilmG, agus bidh cothrom agaibh coimhead orra uile air-loidhne bho Dhiluain 08mh Dùbhlachd. Agus faodaidh sibh bhòtadh airson an fhilm as fheàrr leibh eadar 08mh Dùbhlachd agus 14mh Faoilleach. Bidh cuirm nan duaisean ga cumail air 06 Gearran aig Eden Court, Inbhir Nis, agus gheibh an sgioba a bhuannaicheas ann an dà roinn fiathachadh bho MG ALBA airson prògram-paidhleat aig ìre chraolaidh a leasachadh airson BBC ALBA. Cumaibh ur sùil air www.filmg.co.uk airson nan filmichean agus dèanaibh cinnteach gun bhòt sibh.
BBC ALBA
Tha prògraman sònraichte gu bhith air BBC ALBA aig àm na Nollaig ’s na Bliadhn’ Ùire. Air Oidhche Challainn bidh prògram beò ann, làn ciùil is dibhearson, le Tonaidh Kearney agus cuid den luchd-ciùil as fheàrr ann an Alba. Seo cuid de na “highlights”:
|
Cuideachd san Dùbhlachd bidh Leadaidh is Bracaist, Còcaire nan Còcairean agus tòrr eile. Cumaibh sùil air www.bbcalba.co.uk no www.mgalba.com airson fios mu na prògraman seo.
MG ALBA Scots Trad Music Awards 2008
Tha MG ALBA mar prìomh-urrasair air na Duaisean Ciùil Thraidiseanta am bliadhna. Bidh an tachartas a’ dol air adhart ann an Glaschu Disathairne 6mh Dùbhlachd agus bidh na duaisean gan craoladh air BBC ALBA air Diluain 8mh Dùbhlachd. Bidh Tonaidh Kearney a’ toirt seachad nan duaisean chì sibh e an seo le cuid de na cailleagan a chaidh ainmeachadh airson dhuaisean.
A’ cur eòlas air … Maggie Taylor
Tha Maggie Taylor na Manaidsear Clàr Phrògraman aig MG ALBA. Thàinig i thugainn bhon BhBC san Iuchair, ach mar a fhuair sinn a-mach tha i air a bhith ann an àiteachan tòrr nas annasaich na sin na beatha.
Innis dhuinn rud beag mun obair agad agus mar a thàinig thu thuice.
Fhuair mi obair mar “Operational Assistant” aig a’ BhBC bho chionn 17 bliadhna, agus tron obair a rinn mi air Radio nan Gaidheal agus Radio Alba chuir mi ùidh agus eòlas ann a bhith ag obair leis a’ chlàr phrògraman. Leis an obair ùir agam aig MG ALBA tha teans agam tòiseachadh air rud gu tur ùr airson na Gàidhlig agus airson na h-Alba. Is e obair mhòr a th’ ann ach tha e inntinneach a bhith a’ taghadh phrògraman a tha dol a chòrdadh ris an luchd-amhairc.
Agus nuair nach eil thu ag obair?
’S caomh leam a bhith a’ leughadh agus a’ cur seachad ùine comhla ri caraidean no ris a’ chloinn agam. Ach ’s e an rud as annasaich a rinn mi gun do dh’fhuirich mi seachdainn san Amason Jungle fhad ’s a bha mi air laithean-saora ann am Peru. Choinnich sinn ri “Shaman” a bha a’ sealltainn dhuinn lusan agus rudan eile nàdurra airson leigheasan, agus bha sinn cuideachd a-measg treubh aig nach eil tòrr bunntanas ris a’ chòrr den t-saoghal.
Annasach dha-rìreabh. Eu-choltach ri MG ALBA, ma-tà, no fiù ’s am BBC!
Cha chan mi guth mus can mu cus!
Tha BBC ALBA air Sky 168 is Freesat 110.
Is e co-bhanntachd eadar am MG ALBA agus am BBC a th’ ann am BBC ALBA.