Naidheachdan > 2008

Samhain 2008

Litir Naidheachd – Samhain 2008

A chàirdean,

Tha BBC ALBA air a bhith air an adhair a-nis airson seachd seachdainean, agus tha sinn uabhasach toilichte le cho math ’s a tha na prògraman a’ còrdadh ris an luchd-amhairc. Nuair a thàinig toraidhean a’ chiad chùrsa rannsachaidh a-steach, dh’ionnsaich sinn gun tug mu 610,000 duine (mu 15% de dh’inbhich ann an Alba) sùil air an t-sianal sa chiad seachdain, agus gun robh aonan às gach ceathrar air a’ Ghaidhealtachd (23%) air coimhead air – àireamhan air leth brosnachail! Tha làn fhios againn nach e seo ach toiseach na sgeòil, ach tha e a’ dearbhadh gu bheil àite aig a’ Ghàidhlig fa chomhair muinntir Alba ma thèid a cur air adhart ann an dòigh a tha luachmhor is tarraingeach. Cuimhnichibh gu bheil BBC ALBA ri fhaighinn air Freesat 110, air Sky 168 agus air iPlayer. Tha sinn a’ feitheamh fios fhathast bho Virgin Media mu dheidhinn càball, ach san eadar-ama thèid aig luchd-amhairc Virgin Media prògraman fhaicinn tron iPlayer. Tha sinn taingeil airson na taice a tha buidhnean agus daoine fa leth a’ toirt dhuinn san iomairt airson BBC ALBA a chur air Freeview, agus bu mhath leinn ur brosnachadh gus ur beachdan air a’ chuspair seo a chur thugainn neo chun a’ BhBC neo gu ur buill phàrlamaid.

A-nis, aon fhacal a-mach às an àbhaist! Dè mu dheidhinn BBC ALBA mar thìodhlaic Nollaig airson ur pàrantan, càirdean is eile? Airson cosgais aon uair a-mhàin gheibhear an sianal an asgaidh à sin a-mach. Tha barrachd fiosrachadh nas fhaide air adhart, ach ma tha toil agaibh bruidhinn ri cuideigin mu dheidhinn, cuiribh fòn thugainn.

San litir-naidheachd seo gheibh sibh cuideachd fios mu na tachartasan a tha romhainn san t-Samhain. Agus cuiridh sibh eòlas air Donaidh Dòmhnallach bhon sgioba ionmhais againn, a tha a’ cumail sùil gheur air buidseatan phrògraman. Tha mi ’n dòchas gun còrd an litir seo ribh, agus gun cum sibh sùil air an làraich-lìn againn www.mgalba.com airson nan naidheachdan as ùire.

Le dùrachd,

Dòmhnall Caimbeul
Àrd Oifigear MG ALBA

Spòrs

Bidh rugbaidh eadar-nàiseanta beò air BBC ALBA air 14mh Samhain, nuair a thèid sgiobaidhean “A” Alba agus Georgia an aghaidh a chèile, a’ tòiseachadh aig 6f. Tha a’ chuairt dheireannach den ALBA Challenge Cup ri chluich eadar Ross County agus Airdrie United ann am Peairt air an 16mh Samhain, agus thèid an geama seo a chraoladh beò air BBC ALBA bho 3f. Agus cuimhnich gum bi geamaichean ball-coise SPL air BBC ALBA gach Disathairne. Cum sùil air www.bbcalba.co.uk airson barrachd fiosrachaidh.

Duaisean BAFTA

Thèid Tachartas Lloyds TSB nan Duaisean BAFTA Albannach a chumail ann an Glaschu air 9mh Samhain, agus bidh Fiona NicChoinnich, “aghaidh an t-sianail”, agus daoine eile bho MG ALBA an làthair còmhla ri aoighean bhon ghnìomhachas telebhisein. Tha sinn a’ cur meala naidheachd air a h-uile duine a tha air geàrr-liosta nan duaisean, agus tha sinn a’ coimhead le fiughair ri oidhche nan duaisean fhèin agus cothrom na filmichean agus prògraman Albannach as fheàrr a chomharrachadh.

iPlayer

Ma tha thu air prògram a chall, cuimhnich gu bheil cuid a phrògraman rim faicinn a-rithist air an iPlayer. Tha duilleag dachaigh aig BBC ALBA a-nis air iPlayer. Tadhail air www.bbc.co.uk/iplayer no lean an ceangal bho www.bbcalba.co.uk no tro Virgin Media, agus gheibh thu na prògraman airson seachd làithean as dèidh an àm craolaidh.

FilmG

Tha an ceann-latha a’ teannadh oirnn airson FilmG, farpais nam filmaichean goirid, le duaisean air leth rim faotainn agus cothrom don fheadhainn a shoirbhicheas ceum air adhart a ghabhail ann an saoghal riochdachaidh telebhisein. Ma tha ùidh agad fhèin san fharpais, feumaidh d’ iarrtas a bhith a-staigh ro 01 Dùbhlachd. Gheibh thu fios aig www.filmg.co.uk.

BBC ALBA airson na Nollaig

Nach biodh e math BBC ALBA a thoirt mar thiodhlac do chuideigin aig àm na Nollaig? Gheibh thu BBC ALBA tro Sky a-measg pasgan a tha thu a’ pàigheadh air a shon (www.sky.com), no gheibh thu an asgaidh e tro Freesat (www.freesat.co.uk) no tro Freesat bho Sky (www.freesatfromsky.co.uk) ’s chan eil ri phàigheadh ach prìs na h-uidheamachd fhèin agus na h-obrach airson a cur a-steach.

Duilich co-dhùnadh a dhèanamh? Mur eil thu cinnteach dè an roghainn as fheàrr dhut fhèin, cuir fios gu Digital UK, a’ bhuidheann a tha a’ cuideachadh dhaoine le fiosrachadh mun tionndadh gu didseatach (www.digitaluk.co.uk), no cuir fòn thugainn aig MG ALBA air 01851 705550. Agus tadhail air na bùithtean far a bheil thu fhèin a’ fuireach agus feuch am faigh thu bargan ann!

A’ cur eòlas air … Donaidh Dòmhnallach

Tha Donaidh Dòmhnallach na Oifigear Ionmhais Phròiseactan. ’S ann a Siadar, Leòdhas, a tha e, agus tha e air a bhith ag obair aig MG ALBA airson 16 bliadhna.

Ciamar a thàinig thu gu obair ann an craoladh Gàidhlig agus dè an obair a th’ agad aig MG ALBA?

Thoisich mi mar Neach-taic Ionmhais aig Comataidh Telebhisean Gàidhlig nuair a chaidh a chruthachadh ann an 1992, agus bha e sgoinneil a bhith an sàs aig an fhìor thoiseach de chraoladh Gàidhlig. Tha a’ bhuidheann air atharrachadh tòrr bhon uairsin agus tha an obair agam fhèin air atharrachadh cuideachd. Bidh mi a’ coimhead as dèidh an ionmhais ceangailte ri tabhartasan phrògraman telebhisean, a’ dèanamh cinnteach gum faigh sinn luach ar n-airgid agus a’ sgrùdadh an dòigh sa bheil na riochdairean a’ cosg airgead MG ALBA.

Dè do bheachd air BBC ALBA, ’s e a-nis air an adhar?

Tha e iongantach gu bheil e againn mu dheireadh thall, le prògraman Gàidhlig sa phrìomh àm seachd latha san t-seachdain. Tha na prògraman ciùil a’ còrdadh rium gu mòr, oir bidh mi a’ cluich giotàr agus mandolin – ged a thug mi seachad na h-amasan a bh’ agam a bhith nam “rock star” bho chionn bhliadhnaichean – agus mar phàrant le dithis chloinne tha mi uabhasach toilichte gu bheil prògraman chloinne gan craoladh a h-uile latha. Tha an sianal na ghoireas luachmhor do phàrantan a tha a’ togail an cuid chloinne le Gàidhlig.

Tha BBC ALBA air Sky 168 is Freesat 110.

Is e co-bhanntachd eadar am MG ALBA agus am BBC a th’ ann am BBC ALBA.