AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
2009
2008
Iolaire
Freesat in Carehomes
Seachd Premier
Sheepdog Trials
Craig Brown
Isles Christmas
Live Hogmanay
Festive Highlights
FilmG voting begins
Sear gu Siar - Guatemala
Cocaire
Sear gu Siar - India
Scots Trad Music Awards
Newsletter Dec
FilmG Final Call
Challenge Cup Final LIVE
Live Rugby Coverage
Dundee V Aberdeen 'as-live'
Newsletter Nov
David Lunan
Audience Figures
Scotland V Russia
First Month
Man of the Match
Challenge Cup Semi-final
Hands Up for Trads
Hearts V Inverness
BBC ALBA Launch
Challenge Cup Semi-final Draw
Community Training Schemes
Schools Debate
Two weeks to Launch
BBC ALBA launch date announced
MG ALBA sponsor Challenge Cup
Schools Debate
Cruthachadh phrògraman Gàidhlig
Linda Fabiani Visit
Newsletter July
FilmG 2008 launch
Screen Writing and Development Workshops
Video Editing and Graphic Services
New Senior Appointments
Gaelic Digital Service plans approved
Encouraging Research Findings
MG ALBA A’ CUMAIL TAIC RI DEASBAD NAN SGOILTEAN
Tha MG ALBA, seirbheis nam meadhanan didseatach Gàidhlig, toilichte a ràdh an-diugh (Diardaoin) gu bheil e a’ cumail taic a-rithist am bliadhna ri Farpais Nàiseanta BT airson Deasbadan Gàidhlig nan Sgoiltean, a’ comharrachadh gu bheil a’ choimhearsnachd Ghàidhlig, leasachadh cànain, foghlam agus pròiseactan òigridh mar phriomhachas aig a’ bhuidhinn.
Bha Alasdair Moireasdan, cathraiche MG ALBA, am measg an fheadhainn a stèidhich an fharpais ann an 1999 agus bha e na bhritheamh air a’ chiad phanal. Bha Mgr Moireasdan an làthair aig foillseachadh làrach-lìn ùr na farpais www.deasbadbtalba.com an-diugh aig oifisean Comhairle nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh.
Thuirt Mgr Moireasdan: “Is e tachartas cudromach airson na coimhearsnachd Gàidhlig a th’ ann an Deasbad nan Sgoiltean agus tha mi air leth toilichte a bhith a’ toirt taic dhan fharpais a-rithist am bliadhna. Tha MG ALBA an sàs anns an fharpais a chionn ’s gu bheil a’ choimhearsnachd cho cudromach ann a bhith a’ togail ìomhaigh na Gàidhlig agus a’ toirt aire dhaoine air a’ bhuaidh a th’ aig cultar na Gàidhlig air foghlam.
“Tha MG ALBA air a bhith a’ cumail taic ris an fharpais bho thoisich e ann an 1999 agus tha mi glè thoilichte gu bheil mi an sàs a-rithist leis an tachartas chliùiteach seo. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair gu dlùth ri Comataidh Stiùiridh Deasbad Nàiseanta Gàidhlig nan Sgoiltean eadar seo agus a’ chuairt dheireannach den fharpais.”
Tha Agnes Rennie na cathraiche air Comataidh Ghàidhlig Comhairle nan Eilean Siar. Thuirt i: “Tha Deasbad BT nan Sgoiltean Gàidhlig air a bhith na phròiseact mòr bho thoisich e ann an 1999. Tha e air cothrom a thoirt gu sgoilearan àrd-sgoile air feadh Alba tighinn còmhla gus na sgilean deasbaid aca agus na sgilean conaltraidh aca san fharsaingeachd a leasachadh. Tron làraich-lìn ùir gheibh an fheadhainn a tha an sàs anns na deasbadan fiosrachadh mun phròiseact, agus tha a’ Chomhairle taingeil gu bheil BT Alba a’ cumail taic cho fialaidh ris a’ phròiseact le maoineachadh leantainneach.”
Thuirt Calum Iain Macleod, Stiùiriche Leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig agus cathraiche Comataidh Stiùiridh Deasbad Nàiseanta Gàidhlig nan Sgoiltean, “Tha mi cho toilichte gu bheil a h-uile duine a-nis a’ faighinn cothrom tron làraich-lìn ùir air fiosrachadh agus eòlas mun fharpais tro na bliadhnaichean. Bidh an làrach na goireas feumail do dhaoine òga a tha a’ gabhail pàirt ann am farpaisean deasbad no ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha sinn taingeil gu BT Alba agus gu na buidhnean eile a tha a’ toirt taic dhan phròiseact.”
Faodaidh sgoilearan àrd-sgoile le Gàidhlig bho gach ceàrnaidh de dh’Alba cur a-steach airson Farpais Nàiseanta BT nan Deasbadan Gàidhlig, agus tha e a’ toirt dhaibh cothrom coinneachadh ri chèile airson cuspairean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta a dheasbad.
Am bliadhna bidh na cuairtean tràtha den fharpais a’ gabhail àite air 5 agus 6 Samhainn aig An Lanntair, Steòrnabhagh. Bidh an iar-chuairt dheireannach air 19 Samhain agus a’ chuairt dheireannach air 20 Samhain, nuair a bhios na sgiobaidhean as fheàrr a’ taisbeanadh nan sgilean deasbad is sgilean cànain aca aig Pàrlamaid na h-Alba.