AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
2009
2008
Iolaire
Freesat in Carehomes
Seachd Premier
Sheepdog Trials
Craig Brown
Isles Christmas
Live Hogmanay
Festive Highlights
FilmG voting begins
Sear gu Siar - Guatemala
Cocaire
Sear gu Siar - India
Scots Trad Music Awards
Newsletter Dec
FilmG Final Call
Challenge Cup Final LIVE
Live Rugby Coverage
Dundee V Aberdeen 'as-live'
Newsletter Nov
David Lunan
Audience Figures
Scotland V Russia
First Month
Man of the Match
Challenge Cup Semi-final
Hands Up for Trads
Hearts V Inverness
BBC ALBA Launch
Challenge Cup Semi-final Draw
Community Training Schemes
Schools Debate
Two weeks to Launch
BBC ALBA launch date announced
MG ALBA sponsor Challenge Cup
Schools Debate
Cruthachadh phrògraman Gàidhlig
Linda Fabiani Visit
Newsletter July
FilmG 2008 launch
Screen Writing and Development Workshops
Video Editing and Graphic Services
New Senior Appointments
Gaelic Digital Service plans approved
Encouraging Research Findings
ALBA V AN RUIS – BALL-COISE NAM BAN – CUAIRT A BHARRACHD UEFA EURO 2009 GA CHRAOLADH BEÒ AIR BBC ALBA
Thèid geama cudromach nam ban Albannach an aghaidh sgioba na Ruis ann am farpais UEFA Euro 2009 a chraoladh beò air telebhisean. Is e seo a’ chiad turas riamh a tha cothrom air a bhith aig luchd-leantainn ball-coise geama mòr an sgioba fhaicinn beò.
Thèid a’ chiad gheama a-mach as an dà a tha rin cluich sa chuairt seo den fharpais a chraoladh air BBC ALBA, an sianal ùr Gàidhlig, beò bho Phàirc Thynecastle air Didòmhnaich 26 Dàmhair. Tòisichidh an geama aig 3f agus bidh e ri fhaicinn air BBC ALBA, air Sky 168 agus Freesat 110.
Tha Alba air a measadh san 15mh àite san Roinn Eòrpa agus san 26mh àite san t-saoghal, agus thàinig iad san treas àite sa buidhinn aca gus ìre nam geamaichean a bharrachd seo a ruighinn san fharpais chudromaich seo airson a’ chiad turas ann an eachdraidh an sgioba.
Thèid sgioba na h-Alba dhan Ruis airson an darna geama aca Diardaoin 30 Dàmhair. Tha còig geamaichean a bharrachd ann, agus thèid gach sgioba a bhuannaicheas air adhart còmhla ris na seachd sgiobaidhean a tha air faighinn troimhe mar-thà dhan chuairt dheireannaich san Fhionlainn an ath bhliadhna.
Tha craoladh beò den gheama seo mar phàirt den phasgan spòrs aig àrd ìre a tha BBC ALBA a’ lìbhrigeadh ann an com-pàirteachas le MNE Media; tha an sianal a’ craoladh aon gheama bho Phrìomh Lìg Banca Dhail Chluaidh gach oidhche Shathairne airson an dà sheasan ri tighinn.
Thuirt Anna Signeul, àrd choidse sgioba nam ban Albannach: “Tha an geama seo air leth cudromach airson ball-coise nam ban ann an Alba agus tha sinn toilichte gum bi sinn ga chluich aig Tynecastle. Is e naidheachd mhòr a th’ ann gum bi an geama ri fhaighinn do luchd-amhairc farsaing tro chraoladh beò air BBC ALBA. Tha sinn an dòchas gum bi sluagh mòr de luchd-leantainn ball-coise ann an sgìre Dhùn Èideann a’ tighinn gu Tynecastle, agus gum bi luchd-leantainn air feadh na dùthcha a’ tionndadh dhan chraoladh bheò airson taic a thoirt dhuinn san oidhirp againn faighinn gu cuairt dheireannach farpais mhòr airson a’ chiad turas.”
Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman BBC ALBA: “Is e geama uabhasach cudromach a tha seo airson sgioba nam ban Albannach agus tha mi a’ guidhe gach soirbheas dhaibh an aghaidh an Ruis. Is e uallach seirbheis craoladh poblach a th’ ann geamaichean mar seo a chur air telebhisean nàiseanta agus tha mi glè thoilichte gun robh e nar comas an geama seo a ghleidheadh airson BBC ALBA.
“Tha àireamhan luchd-leantainn ball-coise nam ban a’ sìor fhàs agus tha e iomchaidh gum bi cothrom aig luchd-amhairc air feadh na h-Alba an geama seo fhaicinn agus taic a chur ris. Tha sinn aig an t-sianal airson com-pàirteachasan a thogail le buidhnean eile aig freumhan spòrs na h-Alba agus tha sinn an dòchas gun soirbhich sinn ’s gum fàs sinn còmhla.”
Thuirt Margot NicCuaig, Deasaiche Spòrs MNE Media: “Tha eachdraidh inntinneach aig ball-coise nam ban ann an Alba ach cha d’fhuair an spòrs cothroman craolaidh ron an seo. Is e cothrom air leth a tha seo airson luchd-amhairc air feadh na dùthcha taic a thoirt gu na boireannaich san oidhirp aca san Roinn Eòrpa.”
Tha BBC ALBA a’ lìbhrigeadh pasgan de spòrs aig àrd ìre ann an com-pàirteachas le MNE Media, agus bidh rugbaidh Albannach agus camanachd cuideachd gan craoladh beò air an t-sianal. Tha maoineachadh airson a’ phasgain spòirs a’ tighinn bho MG ALBA, a tha ag obair ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC airson prògraman matha, tarraingeach agus air an dèanamh ann an Alba a chur air BBC ALBA.