Naidheachdan > 2008

Farpaisean Chon-Chaorach

Farpaisean Chon-chaorach air BBC ALBA

Tha BBC ALBA, an sianal ùr Gàidhlig, gu math toilichte chur an cèill gum bi deuchainnean Chon-chaorach Eadar-nàiseanta gan craoladh aige.

Thèid a’ chuid as fheàrr de dheuchainnean nan Con-chaorach, an fharpais as cudromaiche ann an saoghal nan deuchainnean ud, a chaidh a chumail ann am Pàirc Chinn Meala, Obar Goill, Ceann a Tuath na Cuimrigh far an deach an 15 a b’ fheàrr den luchd-deuchainn à Alba, Sasainn, Eìrinn agus às a’ Chuimrigh am farpais an aghaidh a chèile, a chraoladh air BBC ALBA Dihaoine 19 Dùbhlachd.

Thèid Deuchainn Chon-chaorach na Cruinne, dhan tàinig còrr is 240 de choin agus de luchd-treòrachaidh à 22 dùthchannan còmhla ann am Pàirc an Duine Mhòir, Lann Dìle, Cathair Mhàrtainn, a chraoladh air BBC ALBA cuideachd Dihaoine 26 Dùbhlachd.

Thuirt an Riochdaire, Caitrìona NicIain aig MNE Media: “Tha mi air a bhith ag iarraidh o chionn fhada gun tigeadh deuchainnean chon-chaorach air ais do na sgàilein againn agus tha an t-seirbheis ùr BBC ALBA air cothrom dha-rìribh a thoirt seachad an spòrs mìorbhaileach seo a chur an làthair.

“Tha luchd nan con-chaorach agus an luchd-leantainn a bhios a' gabhail tlachd às an taisbeanadh seo gun choimeas de sgil agus de cheangal eadar ainmhidh agus neach-treòrachaidh air fàilte mhòr a chur air Farpaisean Chon-chaorach. A dh’aindeoinn gun robh sìde nan seachd sian ann aig amannan, tha e air a bhith na thlachd dha-rìribh an sreath a riochdachadh agus tha sinn an dòchas gun gabhar gu math ris gus am faod e tighinn e air ais an ath bhliadhna.”

Thuirt an neach-aithris, Caitrìona Nic a’ Phì: “An dèidh dhomh fàs suas a’ coimhead air “One Man and his dog” le m’ athair, cha b’ e ruith ach leum leam coinneachadh ris an luchd-treòrachaidh agus, rud as cudromaiche, a bhith gam faicinn ag obair leis na coin aca. Bha cuimhne air choreigin aig a h-uile duine dhan do dh’innis mi mu Fharpaisean nan Con-chaorach a bhith a’ coimhead air deuchainnean chon-chaorach air an telebhisean uair no uaireigin agus bha iarrtas mòr orra bhith coimhead air, gu sònraichte seach gur h-e rud Gàidhlig a th’ ann.

“Bha a h-uile duine den luchd-treòrachaidh agus de na cìobairean gu math glacte leis an spòrs aca agus chìthear sin sa bhàidh a th’ aca ris agus san fhaireachdainn làidir de choimhearsnachd san spòrs aca; cha robh e gu diofar dè ’n t-astar a bh’ ann, bha iad uile eòlach air a chèile, chòrd sin gu mòr rium. Ghabh mi tlachd mhòr às a bhith a' coinneachadh ris na treòraichean uile agus bha feadhainn gu math èibhinn nam measg.

Chaidh Farpaisean Chon-chaorach a riochdachadh airson BBC ALBA le MNE Media agus thèid a chraoladh Dihaoine 19 Dùbhlachd aig 21:00 agus a-rithist Didòmhnaich 21 aig 22:00. Thèid Deuchainnean Chon-chaorach na Cruinne a chraoladh Dihaoine 26 aig 20:00.