Naidheachdan > 2008

DUAISEAN CIÙIL THRAIDISEANTA MG ALBA 2008 – AIR AN DEIREADH-SHEACHDAIN SEO

Bidh Duaisean Ciùil Thraidiseanta MG ALBA a’ gabhail àite air an deireadh-sheachdain seo, air Disathairne 6 Dùbhlachd. Bha Tony Kearney, rionnag bho River City, co-phreasantair duaisean na bliadhna-sa agus cuid den luchd-ainmichte ann an Glaschu airson na toraidhean deireannach a chomharrachadh.

Air sgàth com-pàirteachas ùr le MG ALBA thèid na duaisean a chraoladh airson na ciad uarach air BBC ALBA air Diluain 8 Dùbhlachd.

Chuir an sluagh ainmean a-steach airson nan duaisean san Dàmhair agus an dèidh geàrr-liostadh a dhèanamh le luchd-obrach a’ ghnìomhachais chaidh a’ bhòt air ais chun an t-sluaigh airson nan co-dhùnaidhean deireannach. Thèid na buannaichean fhoillseachadh air oidhche Shathairne aig cuirm mhìorbhaileach san t-seann Fruitmarket ann an Glaschu.

Tha an luchd-ainmichte a’ comharrachadh taghadh farsaing de thàlann ciùil Albannach, bho bhuannaiche Best Album 2007, Julie Fowlis to gu gaisgich ùra Còmhlan Phìobaireachd na Cruinne, Bucksburn and District; an cumadair ciùil, Sandy Wright a tha air a bhith ag obair còmhla ri buidhnean leithid ITV agus Sianal 4 agus ri tùsairean ciùil Cheiltich mheasgte, The Peatbog Faeries.

Am-bliadhna tha duais ùr, Seirbheisean gu Ceòl Gàidhlig, urrasaichte le Bòrd na Gàidhlig, gu bhith air a thoirt dha Capercaillie. Tha an obair ionmholta a rinn iad thar 25 bliadhna air ceòl Gàidhlig agus ceòl traidiseanta na h-Alba san fharsaingeachd a thoirt gu inbhe ùr de mhothachadh poblach.

Tha am prògram airson consairt Gala 2008 a thèid a chumail an dèidh cuirm nan duaisean a’ gabhail a-steach a’ chòmhlain-chiùil ainmeil Capercaillie, an t-seinneadair is sgrìobhadair òrain ioma-dhuaiseach Karine Polwart, còmhlan ciùil dhùthchasaich na bliadhna, Lau, buidheann-rionnaig Session A9, ‘The Cast’, leis a bheil an cruth de ‘Auld Lang Syne’ a th’ air a thighinn, o chionn ghoirid, gu bhith na phrìomh òran san fhilm Aimeireaganach ‘Sex and the City’.

Airson na duaisean a chomharrachadh, tha Hands Up for Trad air prògram deireadh-sheachdain de thachartasdan a chur ri chèile. Tha seo a’ gabhail a-steach Dannsa Cèilidh Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba MG ALBA air Dihaoine san t-Seann Fruitmarket. Agus faodaidh daoine aig nach eil tiogaidean airson nan duaisean Disathairne subhachas a dhèanamh aig Pàrtaidh Saideil Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba MG ALBA ann am bàr Lauries, aig am bi seann bhuannaichean is luchd-ainmichte nan duaisean. [airson làn fhiosrachaidh faicibh crìoch an fhios-naidheachd seo].

Thuirt Simon Thoumire bho Hands up for Trad ‘Tha sinn dha-rìribh a’ dèanamh fiughair ri deireadh-sheachdain a tha a’ gealltainn a bhith mìorbhaileach a’ comharrachadh Saoghal Ceòl Traidiseanta na h-Alba agus tha sinn air leth toilichte gu bheil MG ALBA còmhla rinn mar chom-pàirtiche. Bidh am prògram air BBC ALBA Diluain 8 Dùbhlachd na eisimpleir mhìorbhaileach de cheòl traidiseanta. Tha sinn cuideachd airson taing a thoirt dha Comhairle Ealain na h-Alba airson an taic fad-ùineach dha na duaisean.’

Thuirt Tony Kearney, rionnag River City agus co-phreasantair nan duaisean: “Tha mi nam neach-leantainn de cheòl traidiseanta. Tha sreath mhìorbhaileach de chrìochaichean aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba MG ALBA na bliadhna-sa agus leis an eachdraidh a th’ agam fhìn ann an seinn tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith nam phàirt den tachartas chliùiteach seo.”

Thuirt Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA: “Tha na duaisean nan cothrom iongantach air tàlann ceòl traidiseanta na h-Alba a th’ ann agus a tha a’ tighinn am bàrr aithneachadh agus tha mi air leth toilichte gu bheil MG ALBA na phàirt de thachartas na bliadhna-sa. Tha tàlann gu leòr ann an Alba agus ann an coimhearsnachd na Gàidhlig. Le dìreach aon sheachdain ri dhol tha mi cinnteach gur e àm brosnachail a th’ ann dha na crìochaichean uile agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachadh dhaibh.”

Thèid dealbh a chur chun a h-uile bho William Thornton Photography.

Tha na dealbhan a' còmhdach na leanas:

• Tony Kearney – co-phreasantair
• Patsy Reid – Cluicheadair-fìdhle ann am Breabach – air comharrachadh fhaighinn airson ‘Scottish Folk Band of the year’
• Jeana Leslie & Siobhan Miller – air comharrachadh fhaighinn airson ‘Up and Coming Artists of the Year’
• Catriona Watt – seinneadair air a comharrachadh airson ‘Up and Coming Artist of the Year’
• Maeve NicFhionghuin – seinneadair air a comharrachadh airson ‘Gaelic singer of the year’

PRÒGRAM AN DEIREADH-SHEACHDAIN
5 Dùbhlachd | Cèilidh Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba | an Seann Fruitmarket | £8 (£6 las.)
Gheibhear tiogaidean na cèilidh bho Oifis an t-Seann Fruitmarket +44 [0] 141 353 8000

6 Dùbhlachd | Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba MG ALBA | an Seann Fruitmarket
Tha na tiogaidean uile air an reic

6 Dùbhlachd | Pàrtaidh Saideil Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba MG ALBA
Bàr Ciùil Fuaimearra Lauries, 34 Sràid an Rìgh Glaschu 0141 552 7123 (inntrigeadh an-asgaidh)

Oidhche mhòr de cheòl is òrain bho sheann bhuannaichean is luchd-ainmichte Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba. ‘S e Darren MacIlleathain a bhios na fhear an taighe.