AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
2009
2008
Iolaire
Freesat in Carehomes
Seachd Premier
Sheepdog Trials
Craig Brown
Isles Christmas
Live Hogmanay
Festive Highlights
FilmG voting begins
Sear gu Siar - Guatemala
Cocaire
Sear gu Siar - India
Scots Trad Music Awards
Newsletter Dec
FilmG Final Call
Challenge Cup Final LIVE
Live Rugby Coverage
Dundee V Aberdeen 'as-live'
Newsletter Nov
David Lunan
Audience Figures
Scotland V Russia
First Month
Man of the Match
Challenge Cup Semi-final
Hands Up for Trads
Hearts V Inverness
BBC ALBA Launch
Challenge Cup Semi-final Draw
Community Training Schemes
Schools Debate
Two weeks to Launch
BBC ALBA launch date announced
MG ALBA sponsor Challenge Cup
Schools Debate
Cruthachadh phrògraman Gàidhlig
Linda Fabiani Visit
Newsletter July
FilmG 2008 launch
Screen Writing and Development Workshops
Video Editing and Graphic Services
New Senior Appointments
Gaelic Digital Service plans approved
Encouraging Research Findings
BHÒTADH A’ TÒISEACHADH AIRSON FILMG – A’ CHO-FHARPAIS FHILMICHEAN GOIRID GÀIDHLIG
Tha bhòtadh a’ tòiseachadh an-diugh (Diciadain) airson FilmG, co-fharpais air-loidhne fhilmichean goirid Gàidhlig MG ALBA, a tha ag amas air tàlann cruthachail a thoirt am follais airson an t-sianail thelebhisein ùir Ghàidhlig, BBC ALBA.
Tha FilmG a-nise a’ taisbeanadh obair luchd-filme thàlantaich ùir a tha air a dhol a-steach dhan cho-fharpais anns gach tè de na ceithir roinnean; proifeiseanta, inntrigeadh ùr, òigridh agus filmichean goirid air an dèanamh le fòn-làimhe. Chaidh còig cuspairean a chur mu choinneamh nan compàirtichean: tubaist; chlisg mi!; oidhche Shathairne; aodainn ùra àiteachan ùra, agus; sorcha ’s dorcha.
Tha a’ cho-fharpais air inntrigidhean a thàladh bho air feadh an t-saoghail Ghàidhlig agus thairis air, eadhon à Alasga, agus tha raon ann bho dhràmathan dìomhair gu aithriseachdan; sàr-ghaisgich gu rathaidean tathaichte.
Faodar na h-inntrigidhean fhaicinn air-loidhne aig www.filmg.co.uk far am faod an mòr-shluagh bhòtadh airson an fhilme as fheàrr leotha eadar 8 Dùbhlachd is 14 Faoilleach 2009.
Gheibh am film a thèid fhoillseachadh le barrachd bhòtaichean bhon t-sluagh an duais Roghainn an t-Sluaigh aig cuirm dhuaisean FilmG air Dihaoine 6 Gearran ann an taigh-cluiche Eden Court, Inbhir Nis.
Nan suidhe air pannal nam britheamh bidh Ceannard Phrògraman MG ALBA, Alan Esslemont, stiùiriche telebhisein às a’ BhBC John Smith, Donaidh Rothach, a bha aig aon àm prìomh sheinneadair a’ chòmhlain iomraitich Ghàidhlig Runrig, agus eòlaichean bho ghnìomhachas nam meadhanan.
Thèid geàrr-liosta nam britheamh airson gach roinne air-loidhne bho meadhan an Fhaoillich agus thèid na buannaichean fhoillseachadh aig duaisean FilmG.
Tha £35,000 de dhuaisean airgid ri fhaighinn a thuilleadh air a’ chothrom poidhleatan craolaidh a chruthachadh airson BBC ALBA.
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear MG ALBA: “Tha sinn air mòran thagraidhean fhaighinn airson na ciad co-fharpais de FilmG, le àireamh mhòr de dh’inntrigidhean. Tha an dealas a tha daoine òga air a shealltainn airson filmichean goirid Gàidhlig air-loidhne a dhèanamh air buaidh mhòr a thoirt orm agus ’s e naidheachd mhath a th’ ann dhuinn uile ann an telebhisean Gàidhlig gu bheil coltas ann gu bheil ìre mhath de thàlann cruthachail falaichte Gàidhlig ann.
“Mar chompàirtichean le prìomh dhleastanas airson leasachadh susbaint is tàlainn ann am BBC ALBA, an sianal ùr telebhisein Gàidhlig, tha a’ cho-fharpais seo a’ tabhann cothrom mìorbhaileach dhuinn tàlannan daoine a tha airson prògraman a dhèanamh sa choimhearsnachd Ghàidhlig agus airson a’ chomasachd a th’ aca a mhealtainn.
Thuirt oifigear margaidheachd FilmG, Michelle Cotter: “’S e pròiseact ùr-ghnàthach a th’ ann am FilmG dha Cànan agus MG ALBA. Tha sinn air leth toilichte mar a thàinig cùisean gu buil agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheachadh dha na compàirtichean san àm ri teachd.
Tha FilmG air taic fhaighinn bho mòran de luchd-film is sgrìobhadairean-scriobt na h-Alba a’ gabhail a-steach Don Coutts, Robbie Fraser agus Iain Fionnlagh MacLeòid.