AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
2009
Bhliadhna nan Òran
Bhotadh FilmG
Trad Music in the Media
Ball-coise SPL Beò
Siùbhlachan aig Feis Film
Ceangalan Eadar-nàiseanta tro Naidheachdan BBC ALBA
Urras a’ BhBC
Geàrr-liosta duaisean BAFTA
Litir Naidheachd Dàmhair
Farpaisean Chon-chaorach
Ceòl Country
Mòd 2009 beò bhon Òban
ALBA Challenge Cup 2009
Clàr-phrògraman an Fhoghair
FilmG - Stiùiriche Cliùiteach
Breab air tilleadh
St Kilda
Tattoo Hebrides
Farpaisean Nàiseanta Chon-chaoraich
Celtic V Dinamo Moscow
Aodann Ùr
TalantG
Actors Cut
MA Sgrìobhadh Ficsean airson TV
Siubhlachan
Challenge Cup 2009
Shinty Coverage
FilmG 2009/10
Ladies Cup Final
Madame Ecosse
Hardeep Singh Kohli
Celtic Media Festival
Thomas Telford
Sinne is Alba
Soillse - The Black Starlets
Country Music
Partick Thistle V Dundee
Sir Jackie Stewart
Newsletter March
Alex Norton
Shinty
FilmG Awards
Newsletter February
Robert Burns
Celtic Connections
SFA Football
Tadhal Phadraig
BAFTA New Talent
Rapal
Newsletter January
2008
16/07/09
MG ALBA - A’ LEASACHADH TÀLANT GÀIDHLIG
THA MG ALBA AIR CÒIG ÀITEACHAN A GHLEIDHEADH DO CHLEASAICHEAN GÀIDHLIG AIG AN ACTORS CUT CHLIÙITEACH - GLASCHU
’S e buidheann-obrach chliùiteach do chleasaichean stèidhte a tha san Actors Cut a mhaireas fad seachdain agus a ghabhas àite aig stiùidiothan a’ BhBC ann am Pacific Quay, Glaschu bhon 24 – 28 Lùnastal 2009.
Tha MG ALBA, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, air còig àiteachan a ghleidheadh do chleasaichean Gàidhlig agus tha iad a’ toirt cuireadh do chleasaichean stèidhte neo proifeiseanta cur a-steach air a shon, is iad a’ tabhann cothrom gun choimeas ionnsachadh bhon fheadhainn as fheàrr sa ghnìomhachas agus a’ cleachadh an uidheim HD as ùire a th’ ann.
Bidh an Actors Cut a’ samhlachadh fìor shuidheachadh filmidh, le teicneolas HD, agus deichnear de sgioba proifeiseanta, a’ gabhail a-steach sàr stiùiriche togail-dhealbh, a bharrachd air maise-gnùis, seataichean, culaidhean, agus leantainneachd air sgàilein.
Tha Dame Judi Dench na neach-taic air an Actors Cut agus tha i a’ làn-chreidsinn gu bheil e na “Dhòigh iongantach air Ionnsachadh”.
Rè na greis ionnsachaidh bidh caochladh ceannardan nam bùithtean-obrach os cionn gach seisein – am measg cheannardan a tha air an dearbhadh (ma tha iad rim faighinn) tha:
• Dame Judi Dench, Sir Michael Gambon, Simon Callow, Tom Conti, Jonathan Pryce, Rufus Sewell, Owen Teale, Ray Winstone (uile nam pàtranan de Actors Cut) a thuilleadh air Frances Barber, Morag Fullarton, Kenneth Glennan, Rutger Hauer, David Hayman, Davy McKay, Alex Norton agus Bill Paterson.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh air an Actors Cut air-loidhne
Thoir an aire gu bheil fàilte air tagraichean Gàidhlig cur a-steach airson an Actors Cut fiù ’s mura bi iad a’ cur tagradh airson goistidheachd MG ALBA no mura faigh iad aon dhe na còig àiteachan Gàidhlig a tha MG ALBA a’ tabhann.
Airson faighinn a-mach mu na còig greisean-ionnsachaidh pàighte le MG ALBA, cuir fios gu Katie NicLeòid aig MG ALBA air 0141 301 1774 no tro phost-d katie.macleod@mgalba.com