Naidheachdan > 2009

27 Gearran 2009

CHA LEIG THU LEAS CÀIL A RÀDH ACH … ALEX NORTON, ACTAIR TAGGART, A’ SEINN ÒRAN GÀIDHLIG AIRSON CATHY

Bha Alex Norton, a tha ainmeil mar DCI Matt Burke ann an Taggart, daonnan ag iarraidh a bhith na actair. Gu dearbh, bha e deònach àrd-ùrlar a’ Phavillion a sguabadh fad sia mìosan airson cothrom fhaighinn sa ghnìomhachas.

Sa phrògram as ùire Cuide ri Cathy air BBC ALBA, chì sinn Cathy NicDhòmhnaill a’ gabhail glainne fìon còmhla ri Alex, a tha air a ghàirdean a bhriseadh – rud a dh’fheumas iad fhighe a-steach air sgeulachdan san t-sreath Taggart a’ tha a’ dol an-dràsta.

Bidh Alex a’ cuimhneachadh air a bheatha mar actair, a’ bruidhinn ri Cathy mu na h-àiteachan san deach Taggart fhiolmadh agus a’ tadhail air na Gorbals far an deach àrach. Bidh e cuideachd a’ seinn òran a ghabh e air turas sna Stàitean còmhla ris a’ chòmhlan Na h-Ogannaich, ’s cuimhne aige fhathast air na facail.

Cha bhi Alex a’ planadh a bheatha, dìreach a’ glacadh chothroman mar a dh’èireas iad, ’s mar sin bha e gu math toilichte pàirt fhaighinn ann an Taggart. Ach mar a tha e ag innse do Chathy, bha e eagallach a bhith a’ leantainn an lorg Mark McManus. Fhuair e cuireadh bho John Michie, actair Taggart eile, tighinn a choimhead air a’ chiad phrògram. Bha eagal cho mòr air Alex gun robh e airson fhalach air cùl a’ sofa, ach bha e na fhaochadh dhan dithis aca nuair a chunnaic iad cho math ’s a bha am prògram.

Dh’fhàg Alex an sgoil aig aois 15 gun teisteanas sam bith, ach bha miann aige a bhith na actair. Gun cheangail ris a’ ghnìomhachas san teaghlach aige agus gun stiùir sam bith, cho-dhùin e aon latha dhol air bus chun a’ bhaile agus gnogadh air doras a’ Phavillion. Dh’fhaighnich e den iar-mhanaidsear àrd-ùrlair an robh obraichean rim faighinn agus thabhann iad dha obair mar “general dogs-body and electrician”. Dh’obraich e rè an t-samhraidh air a’ Lex McLean Show, an dòchas gum mothachadh Lex dha ’s gum faigheadh e cothrom a dhol air an àrd-ùrlar, ach cha do thachair sin ’s bha e a’ sguabadh an làr son na sia mìosan sin air fad!

Cha robh athair den bharail gun robh actadh na dhreuchd iomchaidh do dh’Alex oir bha e airson ’s gun ionnsachadh e ceàird traidiseanta. Ach nuair a chuala Alex mar a bhiodh athair a’ casadaich ’s e ag èirigh aig sia uairean son dol a dh’obair air madainn fhuair bha fios aige nach robh esan airson an t-slighe sin a leantainn. Tha e àraid gu bheil Alex fhèin a-nis a’ dèanamh an aon rud – ged is ann air lot-fiolmaidh Taggart a tha e.

Thèid CUIDE RI CATHY a chraoladh air BBC ALBA Diluain 2 Màrt aig 22.00, air Sky 168 & Freesat 110.