Naidheachdan > 2009

14 Sultain 2009

CLÀR PHRÒGRAMAN AN FHOGHAIR AIR BBC ALBA

Chaidh clàr-phrògraman Foghair BBC ALBA fhoillseachadh an diugh (Diluain) le raon de phrògraman air leth.

Bha luchd telebhisein ainmeil bho BhBC ALBA an làthair, nam measg Cathy NicDhòmhnaill agus an cleasaiche Tony Kearney a tha air companaidh riochdachaidh ùr a stèidheachadh. Cuide riutha bha Derek Mac an Toisich, a bhios a’ nochdadh as ùr air ‘De a-nis?’ Sann a Uibhist a’ Tuath a tha Derek, (aois 21).

Autumn LAunch
Derek Mac an Toisich, Cathy NicDhòmhnaill agus Tony Kearney

Bidh farsaingeachd de phrògraman ùra agus de chuspairean ri’m faicinn anns a’ chlàr tro mhìosan an Fhoghair. Nam measg, bidh naidheachdan làitheil, prògraman aithriseach, dràma, cùisean làitheil, creideamh, cur-seachad, ceòl, foghlam, prògraman chloinne agus spòrs!

Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman BBC ALBA: “Tha bliadhna fìor mhath air a bhith againn bho thòisich BBC ALBA agus tha sinn air ar dòigh leis an ire àrd aig an deach na prògraman an dèanamh agus gu bheil iomadach cuspair againn ri thairgse don luchd-amhairc. Tha ar prògraman a’ frithealadh air luchd-coimhead le Gàidhlig agus cuideachd air luchd-coimhead air feadh Alba.”

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Sheirbheis BBC ALBA: “Tha obair aig an t-seanail ann an bhith a’ togail aire chun na Gàidhlig agus a bhith ga dèanamh tarraingeach do luchd-amhairc nàiseanta agus tha sinn fìor thoilichte a bhith a’ foillseachadh a’ chlàr ùir seo le taghadh farsaing do duine, bho cheòl agus cur-seachad gu prògraman aithriseach cruaidh agus drùidhteach.”

Thuirt Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA: “Tha sinn air ar misneachadh le mar a tha an seanail a’ còrdadh gu mòr ri sluagh na h-Alba. Tha obair chudromach mu ar coinneamh airson BBC ALBA fhaighinn air Freeview gus am bi e comasach do gach dachaigh an seanail fhaicinn. Mar bhuidheann tha sinn a’ feuchainn ri cur ri leasachadh na Gàidhlig le bhith a’ brosnachadh ginealach ùr de luchd-bruidhinn, agus airson seo feumaidh an cothrom a bhith aig daoine an seanail fhaicinn.”

Thuirt Donalda NicFhionghain, Ceannard Phrògraman agus Seirbheisean, BBC Scotland: “ Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ comharrachadh a’ chiad co-la-breith de BhBC ALBA agus an soirbheachadh a tha e air dearbhachadh leis an luchd-amhairc an Alba. Tha obair a’ ghnìomhachas chruthachail aig cridhe chùisean is iad air a bhith a’ libhrigeadh phrògraman air leth dhan luchd-amhairc agus chì sinn sin as na chaidh shealltainn dhuinn an diugh fhèin. Feumar meal an naidheachd cuideachd a chuir air ceannas na co-bhanntachd eadar am BBC agus MG ALBA.”