Naidheachdan > 2009

26mh Dàmhair 2009

PRÒGRAMAN BBC ALBA AIR GEÀRR-LIOSTA BAFTA NA H-ALBA

Tha BBC ALBA air fàilte a’ chur air a naidheachd gu bheil trì phrògraman BBC ALBA air geàrr-liosta Duaisean BAFTA na h-Alba 2009.

Chaidh Eilbheas (Elvis), dràma stèidhichte ann an an Eilean Leòdhais agus a bha coimhead air buaidh Eilbheas air beatha Tonaidh, fear òg, ainmeachadh airson duais ‘Dràma Telebhisean’. Chaidh “Eilbheas,” sgrìobhadh le Mairi Kidd agus Torcuil Crichton le Greg Hemphill a’ cluich Eilbheas agus Sean MacLèoid a’ cluich am fear òg Tonaidh.

Eilbheas
Greg Hemphill mar Eilbheas air BBC ALBA

Tha “Dh’èirich na deòir”, fear de na sia filmichean goirid san t-sreath ‘Eadar-chluich’ (Interlude), cuideachd air a’ gheàrr-liosta airson duais ‘Dràma Telebhisean’. Tha an cleasaiche ainmeil Albannach, Iain Glen, na phrìomh chleasaiche ann an “Dh’èirich na deòir”, a chaidh a dhèanamh le Sorbier Productions, companaidh neo-eisimeileach a tha stèidhichte ann an Glaschu.

Tha am prògram naidheachd ‘Eòrpa’, air geàrr-liosta gnè ‘Naidheachd agus Cùisean Làitheil’ an aghaidh am prògram ‘BBC Scotland Investigates’ agus ‘Panorama – Britain’s Homecare Scandal’.

Thuirt Alan Esslemont, Ceann Phrògraman BBC ALBA “Tha sinn air leth toilichte leis a naidheachd gu bheil dhà den phrògraman againn air ainmeachadh airson Duaisean BAFTA am bliadhna. ‘S e naidheachd fìor mhath a tha seo airson co-bhanntachd eadar a’ BhBC agus MG ALBA. Bhon thòisich a sianal tha sinn air a bhith ag obair le cuid de na daoine as fhèarr agus tàlantach ann an Alba airson prògraman aig àrd-ìre agus a bhios tarraingeach do luchd-coimhead aig a bheil Gàidhlig agus luchd-amharc air feadh Alba agus tha an fhiosrachadh mu dheidhinn na duaisean BAFTA mar comharrachadh air sin”

Thèid na Duaisean BAFTA na h-Alba fhoillseachadh ann an Glaschu air Didòmhnaich 8mh Samhain.