Naidheachdan > 2009

26mh Dàmhair 2009

MG ALBA A’ CUR FÀILTE AIR RANNSACHADH URRAS A’ BhBC AIR BBC ALBA

Chuir Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA, fàilte air an naidheachd gu bheil rannsachadh Urras a’ BhBC air BBC ALBA gus tòiseachadh. Thuirt Mgr Moireasdan, “Tha MG ALBA a’ cur fàilte air an rannsachadh a bhios a’ coimhead air ciamar a chaidh do BBC ALBA thairis air a’ chiad bhliadhna agus cothrom an sianal a chur air Freeview. Tha BBC ALBA air a bhith gu math soirbheachail le mu 220,000 luchd-amharc a’ coimhead gach seachdain bhon toiseach agus tha e cuideachd air pàirt mhòr a’ chluich anns an strì airson Gàidhlig a bhrosnachadh.

“Tha iarrtas ann bhon luchd-amhairc bho air feadh Alba airson prògraman BBC ALBA agus tha seo na misneachd mòr dhuinn. Tha clàr-phrògraman farsaing agus inntinneach aig BBC ALBA a tha tarraingeach do luchd na Gàidhlig agus do dhaoine eile air feadh Alba. Anns a’ bhliadhna a chaidh tha BBC ALBA air a bhith aig obair le 26 companaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach le companaidhean ùra nam measg.

“Tha sinn toilichte gu bheil am BBC air dòigh a lorg airson BBC ALBA a chur air Freeview. Tha Bòrd-stiùiridh a’ BhBC air moladh gum bi lìonra rèidio BBC a’ tighinn far Freeview ann an Alba air an oidhche a-mhàin nuair a tha BBC ALBA a’ craoladh. Gheibh luchd-èisteachd na stèiseanan rèidio seofhathast air FM, AM, DAB, Saideil no air Càbaill agus air-loidhne nuair a tha BBC ALBA air an adhar.

“Tha BBC ALBA air taic mhòr fhaighinn bhon phobaill agus thairis air saoghal poileataics na h-Alba agus tha iarrtas mòr ann airson BBC ALBA fhaicinn air Freeview. ’S e prìomhachas a th’ ann dhuinne gum bi cothrom aig mòr-shluagh na h-Alba BBC ALBA fhaighinn agus tha sinn airson gum bi an sluagh a’ gabhail pàirt san rannsachadh poblach.”