Naidheachdan > 2009

22 Dùbhlachd 2009

2010 - BLIADHNA NAN ÒRAN

Bithidh Mìcheal MacNeill on chòmhlan Simple Minds agus an cleasaiche Albannach Alex Norton a' tighinn còmhla ris a' chòmhlan Ghàidhlig Na h-Òganaich ann am prògram sònraichte a’ tòiseachadh "Bhliadhna nan Òran" air BBC ALBA.

Tha BBC ALBA agus Rèidio nan Gàidheal air leth toilichte a bhith a' foillseachadh gur "Bhliadhna nan Òran" a bhios ann an 2010. Fad na bliadhna bithear a' craoladh taghadh farsaing de phrògraman an dà chuid on tasglann agus o chlàraidhean ùra anns am bi na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr a’ nochdadh. Bithidh làrach ùr mu òrain Ghàidhlig cuideachd air www.bbcalba.co.uk le fios mu sheinneadairean, sgrìobhadairean, facail nan òran agus roghainn de chlàraidhean rèidio is TBh à tasglann a' BhBC.

Bithidh "Bliadhna nan Òran" air BBC ALBA a' tòiseachadh le prògram mun chòmhlan shoirbheachail Na h-Òganaich. Bha seasamh agus cliù aca ann an saoghal ciùil Gàidhlig ri linn an stoidhle ùr a chruthaich iad agus thug iad buaidh air an ath ghinealach de chòmhlain Ghàidhlig, nam measg Runrig agus Capercaillie. Thug iad a mach trì clàran-ciùil agus chaidh iad air chuairt gu na Stàitean Aonaichte agus Canada, ach chuir iad cùl ri sin ann an 1975. Ged nach robh iad còmhla lean an cliù agus dh'fhairichear am buaidh air saoghal ceòl Gàidhlig gus an latha an-diugh. Dìreach mìos air ais choisinn iad duais urramach aig na Traditional Music Awards.

Bithidh am prògram aig BBC ALBA, "Na h-Òganaich", a' leantainn a' bhuidhinn is iad a’ tilleadh dhan stiùideo a chlàradh a-rithist - an ciad turas o chionn 35 bliadhna. 'S e an riochdaire aca Mìcheal MacNeill, a bh’anns a’ chòmhlan Simple Minds anns na 1980an. Ach de a bhuaidh a bhios aig Mick agus dè seòrsa clàir a thig a mach as a’ cho-obrachadh seo - dà mhodh gu math eadar-dhealaichte, stoidhle na 1970an, neo stoidhle is nòs ùr?

Na h-oganaich

Bithidh agallamhan sònraichte sa phrògram le Calum Dòmhnallach bho Runrig, Karen NicMhathain agus Dòmhnall Seadhach bho Chapercaillie agus Alex Norton, a chluich còmhla ri Na h-Òganaich fada mus robh e na chleasaiche air Taggart.

Bithidh BBC ALBA cuideachd a' craoladh dà phrògram bho fhèis Celtic Connections, a’ chuirm Seudan a' Chuain (Jewels of the Ocean) a tha a’ gabhail àite san Old Fruitmarket ann an Glaschu air 17mh Faoilleach. Thèid a’ chuirm a chraoladh beò air Rèidio nan Gàidheal.

Cuiridh Radio nan Gaidheal fàilte air "Bliadhna nan Òran" air a’ chiad latha de 2010 agus tron bhliadhna air fad le Òran an Là. Thèid gach òran, gach latha air an làrach-lìn, a’ chruthachadh stòras air leth thairis air a’ bhliadhna. Bithidh Òran an Là a' taisbeanadh am beartas a th’ann an tasglann a’ BhBC de dh'òrain Ghàidhlig, le taghadh on a h-uile ceàrnaidh de dh'Alba. Bi clàraidhean aosta cuide ri feadhainn ùra air an craoladh tron bhliadhna shònraichte bho farsaingeachd de sheinneadairean, sean is òg. Gach Disathairne air Rèidio nan Gàidheal, bi Gàisgich Dhisathairne, luchd-aoigheachd a bhios ag innse an ceangal pearsanta a th’aca do dhiofar òrain. 'S i Julie Fowlis a' chiad aoigh, agus innsidh I dhuinn mu "Moladh Uibhist" le Ruaraidh MacAoidh air a sheinn le Ùisdean MacMhathain nach maireann. Thuirt Julie: "Se adhbhar-tlachd dha-rìribh a th’ann dhomhsa a bhith an sàs ann am Bliadhna nan Òran. Tha cuid dhen bhàrdachd as fheàrr san t-shaoghal a-measg na h-òrain Ghàidhlig againn. 'S iad an t-sruth a chumas ar dualchas is ar n-eachdraidh beò."

Clàr craolaidh mar seo:
• BBC ALBA - Na h-Òganaich Dihaoine 1d Faoilleach aig 9.00 f
• BBC ALBA - Seudan a' Chuain Disathairne 23eas + 30mh Faoilleach
• BBC Rèidio nan Gàidheal - Òran an Là gach latha aig 9.55 m, 1.55f, 9.55 f agus aig 11.55 oidhche h-Aoine.
• BBC Rèidio nan Gàidheal - gach Disathairne, Gaisgeach Disathairne aig 9.55m agus 1.03 f.
• BBC Rèidio nan Gàidheal - prògram aithriseach gach Diciadain tron bhliadhna ann an 2010 air "Bliadhna nan Òran" aig 11.30 m agus 10.00 f, le clàraidhean eachdraidheil agus òrain ùra.