Naidheachdan > 2009

24mh Lùnastal 2009

GAIRM AIR GACH DEUGAIR - SEO ‘BREAB’

‘BREAB’ – Sreath fhìrinn a chaidh a riochdachadh airson BBC Alba a bhios a’ leanntainn sianar de Ghaidheil òga thàlantach air slighe gu fèin-eolas.

Tha Breab air ais agus tha sinn air cùisean a dhèanamh nas innitinniche airson na deugairean le dùbhlain sònraichte romhpa.

Anns an darna sreath, chì sibh sianar deugairean ùra bho air feadh Alba aig a bheil Gàidhlig agus nach eil a-riamh air coinneachadh. Bidh iad còmhla airson cola-deug gu math trang anns a’ bhaile mhòr agus anns an dùthaich.. Anns an sreath seo de Bhreab, bidh na deugairean a’ faighinn dlùth ri boa constrictor, a’ feuchainn biastagan in-ichte, gan tilgeadh fhèin a-steach ri deuchainnean san dùthaich far am faodadh iad puingean fhaighinn (neo èirig ma chailleas iad), a’ dol air cùl an àrd-urlar aig T in the Park agus a’ cuir òran luaidh ann an stoidhle ùr.

Breab at T in the Park
Na deugairean air an turas aca gu T in the Park (Clì gu Deas: Daibhidh, Lewis, Nathan, Morag, Megan agus Jessica)

An urrainn dhaibh na dùbhlain a dhèanamh, am bi deòir ann, am bi iad a’ faighinn air adhart còmhla?

’S e comas Gàidhlig a bhruidhinn an aon rud a th’ aca uile agus tha diofar ìrean de fileantas ann, ach tha Breab a’ riochdachadh deugairean fìor a tha air an togail anns an dùthaich agus anns a’ bhaile mhòr ann an Alba, le Gàidhlig san taigh neo air ionnsachadh san sgoil. Bidh David, Jessica, Nathan, Morag, Lewis agus Megan a’ toirt brosnachadh do luch-ionnsachaidh òga agus do fileantaich òga cuideachd. Chan e na bhios tu a’ dèanamh a tha cudthromach, ach mar a nì thu e.

Thuirt an riochdaire Donna Murchison, on BhBC: ‘S e fìor oidhirp sgioba a th’ ann am Breab gu deimhinne, agus ’s e aon de na beagan cothruim a th’ aig Gaidheil òga airson ag innse dìreach mar a tha cùisean, agus a’ cuir oidhirp mhòr ann. Tha cuimhne agam gun d’ thuirt cuidegin rium nuair a bha mi òg – “’S dòcha nach dèan e leas sam bith dhut gu bheil Gàidhlig agad, ach cha dèan i cron sam bith na’s motha.” A’ faicinn na deugairean seo a’ cabadaich agus ri fealla-dhà ann an Gàidhlig, gun dragh sam bith mu dheidhinn a bhith air beulaibh camara – ’s e fianais a th’ ann gun teagamh gur e sgil mìorbhaileach a th’ ann a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig.

Breab teenagers
Na deugairean ‘Breab’ (Clì gu Deas) – Jessica, Lewis, Nathan, Megan, Morag agus Daibhidh

Bha agallamhan air an cumail air feadh Alba agus seo na sianar a chaidh a thaghadh:

Jessica 16 bliadhna a dh’aois à Glaschu
Tha Jessica na seinneadair agus cluicheadair phìob tàlantach is tha i air a bhith a’ gabhail pàirt sa Mhòd airson iomadach bliadhna. ’S fìor thoigh leatha a’ dol timcheall na bùithtean còmhla ri a caraidean agus tha i fhèin ag ràdh gum bi i uaireannan a’ bruidhinn cus! Tha Jessica a’ cur seachad a h-ùine ann an Glaschu agus Port a’ Mhuilinn far a bheil obair pàirt ùine aice. Tha i airson eòlas-leighis a dhèanamh san oilthigh nuair a dh’fhàgas i an sgoil.

Lewis 16 bliadhna a dh’aois à Obar Dheathain
Na rudan ‘s fheàrr le Lewis; baidhsagalan-motair, càraichean agus hair straighteners – ’s dòcha nach eil anns an òrdugh sin! Chan eil Lewis riamh gun rudeigin ri ràdh agus gun teagamh tha e an còmhnaidh ri fealla-dhà. Tha miann aige obair fhaighinn ann an garaids; bidh feum aige air gel gu math làidir airson a ghruag!

Nathan 16 bliadhna a dh’aois à Comar nan Allt
Chan eil Nathan na strainnsear dha saoghal TBh ‘s e air a bhith air Dè a-Nis agus An Gille Fortanach. Tha e ‘sna Cadets is tha e ag ràdh gu bheil seo a’ cumail smachd air a ghiùlan, ach aig an aon àm tha e ag ràdh gu bheil e fhathast pios beag bragail uaireannan. Bidh Nathan a’ cluich a’ phìob, an giotàr agus na drumaichean. Tha e an-dràsta a’ togail airgead airson turas cobhair do Afraga.

Megan 16 bliadhna a dh’aois à Malaig
Tha fìor tàlant aig Megan airson a’ cluich an fhidheall, seinn san t-sean nòs agus cleasaidheachd. O chionn ghoirid bhuannaich i duais Film G airson am bana-chleasaiche òga as fheàrr. Tha Megan ciùin ann an càs agus gun teagamh sam bith ‘s i an deugaire as sgiobalta a choinnich sinn riamh.

Morag 16 bliadhna a dh’aois à Ulapul
‘S toigh le Morag seinn agus dannsa Gàidhealach is tha i cuideachd na sàr chluicheadair rugbaidh agus math air piotsa a dhèanamh. Tha gràdh aice air Ulapul, agus latha brèagha air choireigin bu toigh leatha an croit aice fhèin san sgìre. An-dràsta ge-tà tha i toilichte gu leòr le bhith cuideachadh a seanmhair air a’ chroit aicese. Bidh Morag cuideachd a taisbeanadh caoraich aig Fèill an Eilein Dhuibh.

David 16 bliadhna a dh’aois à Leòdhas
Tha coltas sàmhach air David ach aon uair ‘s gun cuir thu beagan eòlas air chì thu gu bheil e a’ cordadh ris gu mòr a bhith a’ gàireachdainn agus a bhith ri fealla-dhà. Tha David fileanta ‘sa Ghàidhlig is bidh e a’ gabhail a h-uile càil air a shocair, ‘s cha toigh leis càil na s’ fheàrr na a bhith a-muigh leis na caraidean aige. Tha e dèidheil air iasgach agus ball-coise (chan ann aig an aon àm cha chreid sinn!) Tha obair pàirt ùine aige ann an taigh-bìdh agus tha miann aige a dhol gu muir nuair a dh’fhàgas e an sgoil.

Bidh ‘BREAB’ a’ nochdadh gach seachdain, thar sia seachdainean, air BBC ALBA, a’ tòiseachadh air Diciadain 2 den t-Sultain aig 6f, agus a-rithist an ath-sheachdain air Diardaoin air BBC TWO Scotland.