Naidheachdan > 2009

23mh Faoilleach 2009

AM BUINEADH BURNS DO SHLIOCHD NAN GAIDHEAL?

Dà Chànan, Aon Chridhe / Twa Leids, Ane Hert
BBC ALBA
Didòmhnaich 25mh Faoilleach 2009 @ 22.00

Le Bliadhna An Tilleadh Albannach 2009 r air tòiseachadh, tha BBC ALBA gu bhith sgaoladh prògram sònraichte a faighneachd an ceist Am Buineadh Burns do Sliochd nan Gàidheil? Se ath-chraoladh a bhios ann den phrògram a chaidh a mach ann an 2007 air BBC 2 Alba.

Ann an Dà Chànan, Aon Chridhe [Twa Leids, Ane Hert] bheir Ollamh Anna Lathurna Nic’Illiosa dhuinn beachd air leth pearsanta air beatha is obair a’ bhàird, a’ cuir cuideam air na ceanglaichean eadar dualchas Gàidhlig na Gaidhealtachd agus dualchas Albannach chinn a’ deas na dùthcha, agus nì i seo soilleir tro bhriathran sàr-obair a’ bhàird.

Chaidh am prògram seo a’ thogail ann an siorrachd Inbhir-àir, Dumfris, Earraghaidheal agus Dùn Eideann, agus chithear ann feadhainn den luchd-ciùil is tàlantaiche ann an Gàidhlig agus Albais, ann an saoghal ciùil dùthchail an latha an diugh. A’ seinn, cluinnear Jim Malcolm, Anna Lathurna Nic ‘Illiosa, Sheena Wellington agus Ailean Dòmhnallach. A measg an luchd-ciùil, tha Dòmhnall Seadha, Manus Lunny, Ewan Vernal, Anna Massie agus Ali Hutton. Bha Dòmhnall Seadha agus Anna Lathurna Nic’Illiosa nan stiùirichean ciùil air a’ phrògram.

Chaidh an ceòl a’ chlàradh ann an seòmar-ciùil àluinn Talla Oswald, air fearann Colaisde Àiteachais na h-Alba air oighreachd Achnancraobh ann an siorrachd Inbhiràir. Anns a’ Chèitein 1795 rinn Burns an òran “O Wat Ye Wha’s in Yon Town” do th a bha ainmeil airson a bòidhchead, Lucy Oswald, bean Richard A. Oswald, fear Achnancraobh - ‘sann leotha a bha Talla Oswald aig an àm.

Chaidh am prògram a’ chruthachadh le MnE Telebhisean. Tha am prògram anns a’ Ghàidhlig, le fo-thiotalan Beurla.